Buaidh a’ Chogaidh aig an taigh: an comann-sòisealta agus cultarAchd Dìon na Rìoghachd (DORA)
Thug a’ Chiad Chogadh buaidh air beatha dhaoine. Bha daoine gan togail don arm is dh’atharraich obair bhoireannach. Bhàsaich mòran à Alba is thogadh carraighean-cuimhne.
Thàinig Achd Dìon na Rìoghachd (DORA: The Defence of the Realm Act) gu bith air 8 Lùnastal 1914, agus thugadh ùghdarras dhan riaghaltas cha mhòr rud sam bith a dhèanamh a bha air fhaicinn riatanach airson cuideachadh leis a' chogadh agus airson an rìoghachd a dhìon.
Eisimpleirean de laghan DORA
Cha robh cead aig duine:
bruidhinn air cùisean co-cheangailte ris an arm no ris an nèibhidh ann an àiteachan poblach
fathannan a sgaoileadh mu chùisean armailteach
prosbaig a cheannach
a dhol air loidhneachan rèile no air drochaidean gun chead
òr no airgead a leaghadh
teine-ealain no drìlseachain a lasadh
aran a thoirt do dh'eich no do chearcan
inc neo-fhaicsinneach a chleachdadh nuair a bhiodh iad a' sgrìobhadh gu duine thall thairis