Armailteachd
- Bha na Nadsaidhean airson gum biodh a' Ghearmailt deiseil airson cogadh aig àm sam bith.
- Bha iad an urra ri siostam an fhoghlaim airson fir òga ullachadh, an dà chuid nam bodhaig agus nan inntinn, airson seirbheis sna feachdan.
- Bha Òigridh Hitler a' leasachadh sgilean tighinn-beò agus neart bodhaig.
- Fhuair gnìomhachasan Gearmailteach ordain mhòr airson thancaichean, plèanaichean agus bàtaichean, a bharrachd air gunnaichean, bomaichean agus urchraichean.
- Chaidh àireamh nan daoine a bha san arm suas bho 100,000 fear gu 1,400,000.
- Thòisicheadh a' togail dhaoine dhan arm an aghaidh an toil ann an 1935.

Buill de dh'Òigridh Hitler a' trèanadh
A' dèanamh a' Ghearmailt làidir a-rithist