A' taghadh tablaid
Tha Shane am beachd tablaid ùr a cheannach airson an eadar-lìn agus airson na sgoile.
Feumaidh an t-eadar-lìon a bhith aige fad na h-ùine agus bidh e a' cleachdadh \(2Mb\) gach mìos a' luchdadh rudan a-nuas.
Cleachdaidh e an t-uidheam airson a bhith a' coimhead bhidiothan a luchdaicheas e a-nuas bhon eadar-lìon. Sa chumantas bidh e a' coimhead còig bhidiothan sa mhìos.
Tha Shane am beachd an t-uidheam a chleachdadh aig an taigh airson obair-dachaigh a dhèanamh. Mar sin feumaidh e meur-chlàr a cheangaileas e ris an uidheam.
Bhon a bhios e a' cleachdadh an uidheim aig an taigh agus san sgoil, feumaidh e còmhdach airson a dhìon.
Tha e an dòchas gun dèan an t-uidheam dà bhliadhna dha mus feum e fear eile fhaighinn.
Uidheam A
| Prìs | Luchdachaidhean | Bhidiothan | Co-ghoireasan |
| \(\pounds299\) | A' gabhail a-steach suas ri \(500Mb\) gach mìos. \(5sg\) airson gach \(Mb\) a bharrachd a chleachdar. Gun chrìochan an-asgaidh tro Wifi. | Bhidiothan an-asgaidh a' chiad sia mìosan. Bhidio gun chrìochan \(\pounds6.99\) gach mìos an dèidh sin. | Meur-chlàr \(£60\). Còmhdach dìon \(\pounds10\). |
| Prìs | \(\pounds299\) |
|---|---|
| Luchdachaidhean | A' gabhail a-steach suas ri \(500Mb\) gach mìos. \(5sg\) airson gach \(Mb\) a bharrachd a chleachdar. Gun chrìochan an-asgaidh tro Wifi. |
| Bhidiothan | Bhidiothan an-asgaidh a' chiad sia mìosan. Bhidio gun chrìochan \(\pounds6.99\) gach mìos an dèidh sin. |
| Co-ghoireasan | Meur-chlàr \(£60\). Còmhdach dìon \(\pounds10\). |
Uidheam B
| Prìs | Luchdachaidhean | Bhidiothan | Co-ghoireasan |
| \(\pounds299\) | A' gabhail a-steach suas ri \(500Mb\) gach mìos. \(3sg\) gach \(Mb\) de luchdachaidhean a-nuas gach mìos. Gun chrìochan an-asgaidh tro Wifi. | \(\pounds2\) gach bhidio | A' gabhail a-steach meur-chlàr agus còmhdach dìon. |
| Prìs | \(\pounds299\) |
|---|---|
| Luchdachaidhean | A' gabhail a-steach suas ri \(500Mb\) gach mìos. \(3sg\) gach \(Mb\) de luchdachaidhean a-nuas gach mìos. Gun chrìochan an-asgaidh tro Wifi. |
| Bhidiothan | \(\pounds2\) gach bhidio |
| Co-ghoireasan | A' gabhail a-steach meur-chlàr agus còmhdach dìon. |
Uidheam C
| Prìs | Luchdachaidhean | Bhidiothan | Co-ghoireasan |
| \(\pounds250\) | A' gabhail a-steach suas ri \(500Mb\) gach mìos. \(5sg\) airson gach \(Mb\) a chleachdar. Gun chrìochan an-asgaidh tro Wifi. | Bhidiothan an-asgaidh a' chiad sia mìosan. Bhidio gun chrìochan \(\pounds9.99\) gach mìos an dèidh sin. | Meur-chlàr \(\pounds75\). Còmhdach dìon \(\pounds20\). |
| Prìs | \(\pounds250\) |
|---|---|
| Luchdachaidhean | A' gabhail a-steach suas ri \(500Mb\) gach mìos. \(5sg\) airson gach \(Mb\) a chleachdar. Gun chrìochan an-asgaidh tro Wifi. |
| Bhidiothan | Bhidiothan an-asgaidh a' chiad sia mìosan. Bhidio gun chrìochan \(\pounds9.99\) gach mìos an dèidh sin. |
| Co-ghoireasan | Meur-chlàr \(\pounds75\). Còmhdach dìon \(\pounds20\). |
Nam biodh Shane ag iarraidh an uidheim a bu shaoire dha thairis air dà bhliadhna, dè an t-uidheam a thaghadh e?
Fuasgladh
Air a' chiad shealladh, saoilidh tu gur e uidheam C am bargan as fheàrr oir 's e as saoire.
Ach feumaidh tu a' chosgais airson bhidiothan a choimhead agus cosgais cho-ghoireasan a chunntadh cuideachd nuair a bhios tu ag obrachadh a-mach a' bhargain as fheàrr.
Chan fheumar smaoineachadh air cosgais luchdachaidhean a-nuas oir cha tèid Shane thairis air na cosgaisean airson luchdachaidhean a-nuas a bharrachd.
Uidheam A
Prìs-ceannachd \(= \pounds299\)
Cosgaisean bhidio – a' chiad sia mìosan an-asgaidh
\(18\,\text{mìosan} \times \,\pounds6.99 = \pounds125.82\)
Cosgaisean a bharrachd – meur-chlàr + còmhdach dìon \(\,\pounds60 + \pounds10 = \pounds70\)
Cosgais iomlan \(\pounds299 + \pounds125.82 + \pounds70 = \pounds494.82\)
Uidheam B
Prìs-ceannachd \(\pounds299\)
Cosgaisean bhidio – cosgais gach mìos \( 5 \times \pounds2 = \pounds10\)
\(24 \times \pounds10 = \pounds240\)
A' gabhail a-steach chosgaisean a bharrachd – meur-chlàr + còmhdach dìon
Cosgais iomlan \(\pounds299 + \pounds240 = \pounds539\)
Uidheam C
Prìs-ceannachd \(= \pounds250\)
Cosgaisean bhidio – a' chiad sia mìosan an-asgaidh
\(18\;\text{mìosan} \times \pounds9.99 = \pounds179.82\)
Cosgaisean a bharrachd – meur-chlàr + còmhdach dìon\( \pounds75 + \pounds20 = \pounds95\)
Cosgais iomlan \(\pounds250 + \pounds179.82 + \pounds95 = \pounds524.82\)
Tha a' chosgais iomlan a' sealltainn gur e uidheam A am bargan as fheàrr agus gum bu chòir do Shane am fear seo a thaghadh.