Buaidh milleadh-fearainn air daoine agus air an àrainneachd
Daoine
- Tùsanaich no daoine a th' air a bhith a' fuireach san àite ùine mhòr a' call talamh.
- Treubhan tùsanach a' call na dòigh-beatha thraidiseanta aca.
- Teicneòlas ùr, me gunnaichean agus radiothan, a' toirt buaidh air treubhan.
- Glè thric, cha bhi dìon laghail aig fearann air a ghleidheadh do shluagh dùthchasach, agus bidh luchd-leasachaidh agus logairean buailteach gluasad a-steach agus ionnsaigh a thoirt air.
- Treubhan a' bàsachadh le galaran an taoibh 'an iar' air sgàth 's nach eil fulangas aca dhaibh, me an cnatan mòr agus a' ghriùthrach.
- Dòighean tuathanachais ag atharrachadh oir chan eil uiread de thalamh ann airson 'gluasad' gu pìosan eadar-dhealaichte airson leantainn air adhart le àiteachas gluasadach.
- Tha daoine a tha a' dèanamh am beòshlaint bhon choille-uisge a' call an teachd-a-steach.
An àrainneachd
- Tha talamh a th' air a ghlanadh airson tuathanachas, còmhdhail agus mèinneadh ag adhbhrachadh dì-choillteachadh. Bidh craobhan le fiodh cruaidh a' toirt iomadh bliadhna mus fàs iad agus tha e doirbh craobhan eile a chur nan àite.
- Nuair a tha a' choille-uisge ga leagail, tha e a' cur iomadh gnè lusan, eòin is ainmhidhean tearc ann an cunnart agus dh'fhaodadh iad a dhol à bith nuair a tha an àrainn aca air a sgrios.
- Tha an ùir a tha torrach agus lag, ach a tha a' dèanamh tuathanachas comasach, air a sguabadh air falbh leis an uisge gu math luath nuair a thèid na craobhan a leagail.
- Ma thèid ùir a sguabadh a-steach a dh'aibhnichean, faodaidh e tuileachadh adhbhrachadh.
- Stuthan riatanach airson ìocshlaintean a chaomhnas beatha gan call, agus mòran fhathast rin lorg.
- Barrachd de bhlàthachadh na cruinne agus de dh'atharrachadh na gnàth-shìde oir chan eil uiread de chraobhan ann airson carbon dà-ogsaid a thoirt às an àile.
- Tha àrdachadh ann an teòthachdan an t-saoghail ag adhbhrachadh àrdachadh ann an àirde na mara agus tuileachadh ann an àitichean ìosal, me sna Maldives agus san Òlaind.
- Tha sgìrean choilltean-uisge a' dol nam fàsaichean air sgàth briseadh millteach sa chuairt uisge agus sa chuairt-bheathachaidh.

Dì-choillteachadh gus rùm a dhèanamh airson dama ùr anns an Amasoin