Buaidh a’ chogaidh aig an taigh: gnìomhachas agus an eaconamaidhBuaidh a' chogaidh air gnìomhachas
Rinn an Cogadh Mòr feum do ghnìomhachas Alba ach chrìon obair cogaidh is chaidh cion obrach is bochdainn am meud. Ghabh saighdearan a thill thairis fearann a shaoil iad a ghealladh dhaibh.
Bha gual, iarann, stàilinn agus obair fhighte riatanach dhan chogadh. Às aonais guail, chan obraicheadh rèile Bhreatainn no a' Chabhlach Rìoghail. Às aonais iarainn agus stàilinn, cha b' urrainn do ghnìomhachas nam ball-airm no do ghnìomhachas innleadaireachd na h-urchraichean, na sligean, an làmhachas, a' uèir bhiorach, na tancaichean no na bàtaichean air an robh feum sa chogadh a dhèanamh.
Bha obair bhon Nèibhidh mus do thòisich an cogadh air na gàrraidhean-iarainn a shàbhaladh mar-thà. Nuair a thòisich an cogadh, ghabh an Cabhlach Rìoghail thairis na prìomh ghàrraidhean-iarainn air Abhainn Chluaidh airson barrachd longan-cogaidh a thogail. Ach, thàinig crìonadh mòr air gnìomhachasan Alba an dèidh a' Chiad Chogaidh seach nach robh uimhir de dh'iarrtas ann airson na stuthan sin.