Read: An Sgoil: Àrd-sgoil a' Ghlinne
Read An Sgoil: Àrd-sgoil a' Ghlinne below. It's an example of a piece of writing created using a writing plan. You can use the vocabulary list to help with unfamiliar words if you need to.
An Sgoil: Àrd-sgoil a' Ghlinne
Tha mi air an t-siathamh bliadhna ann an Àrd-sgoil a' Ghlinne anns a' Ghearastan. Tha an sgoil seo uabhasach mòr, le còrr agus mìle sgoilear agus faisg air ceud tidsear. Bidh mi a' dol dhan sgoil ceithir latha san t-seachdain. An latha eile, bidh mi a' dol dhan cholaiste a' dhèanamh Àrd-ìre ann an Eòlas-inntinn. Chan eil e comasach dhomh seo a dhèanamh san sgoil agamsa.
Bidh mi a' faighinn bus dhan sgoil, ach uaireannan, bidh mi a' coiseachd, ma bhios turadh ann. Bidh mi fhèin agus mo charaidean a' coiseachd dhan bhùth aig àm lòn airson grèim bìdh fhaighinn. Faodaidh tu biadh fhaighinn anns an sgoil, ach cha d' fhiach e! Anns a' bhùth, bidh mi a' ceannach ceapairean, ubhal agus sùgh orains. Uaireannan, bidh mi mì-fhallain agus ceannaichidh mi sliseagan agus seòclaid. Tha an sgoil a' còrdadh rium glè mhath. Tha mi gu math trang am-bliadhna ach bidh mi a' cur seachad beagan ùine sa Chommon Room còmhla ri mo charaidean cuideachd. Tha mi a' dèanamh Ceòl, Gàidhlig, Beurla agus Matamataig.
'S e Ceòl an cuspair as fheàrr air a bheil mi. Tha mi air a bhith a' cluich ionnsramaidean-ciùil bho bha mi sa bhun-sgoil. Bidh mi a' cluich am meur-chlàr, an giotàr agus a' phìob. Bidh mi a' seinn ann an còisir na sgoile cuideachd. Tha sinn ag ionnsachadh òrain Ghàidhlig am-bliadhna agus tha dùil againn a dhol chun a' mhòid. Tha an tidsear ciùil agam uabhasach laghach agus tha e caran èibhinn cuideachd. Tha e cuideachail agus uabhasach fiosraichte mu dheidhinn ceòl. Bidh e a' toirt misneachd agus cuideachadh dhomh gach latha.
Chan eil Beurla idir a' còrdadh rium – tha e ro dhoirbh. Tha an tidsear agam cho caol ri bior. Tha i glè chàirdeil. Feumaidh sinn a bhith a' dèanamh tòrr leughaidh agus sgrìobhaidh agus cha toigh leam seo idir. 'S beag orm Matamataig – tha an tidsear cho greannach ri cat fiadhaich! Bidh e an-còmhnaidh a' trod agus ag èigheach. Chan eil mi idir math air Matamataig ach 's e cuspair feumail a tha ann.
A bharrachd air a bhith a' dèanamh leasain anns an sgoil, bidh mi a' dèanamh rudan spòrsail taobh a-muigh a' chlas. Bidh mi a' cluich ball-coise airson sgioba na sgoile. Tha an t-èideadh againn gorm, le sgrìoban geala agus stocainnean gorma. Bidh mise a' cluich eadar na puist. Tha mi glè mhath air ball-coise agus 's toigh leam a bhith ga chluich. Tha e math dhut a bhith a' dèanamh eacarsaich gach latha.
San fharsaingeachd, is toigh leam an sgoil, seach gu bheil a' mhòr-chuid de na tidsearan agam laghach agus gum bi mi a' faicinn mo charaidean gach latha. Tha mi a' fàs caran sgìth dhen sgoil ge-tà agus tha mi a' smaointinn gu bheil mi deiseil airson fàgail. Tha mi an dùil a dhol don cholaiste an dèidh na deuchainnean airson cùrsa a dhèanamh ann an Ceòl agus Gàidhlig. Chòrdadh e rium a bhith nam thidsear - bhithinn-sa nam thidseir laghach.