A' cleachdadh caisead
Faodaidh sinn caisead a chleachdadh airson sealltainn dè cho cas 's a tha leathad airson gum bi fios againn dè cho sàbhailte 's a tha e. 'S dòcha gum bi seo airson eisimpleirean mar:
- ramp cathair-cuibhle
- sleamhnag chloinne
- staidhre
Eisimpleir
Tha sleamhnag chloinne ann agus feumaidh an caisead aice a bhith nas lugha na \(0.39\) mus faigh i teisteanas sàbhailteachd. A bheil caisead freagarrach aig sleamhnag leis na tomhasan an seo?
Freagairt
Caisead \( =\frac{\text{bheartagail}}{\text{còmhnard}}=\frac{170}{450}=0.378 \)
Seach gu bheil an caisead seo nas lugha na \(0.39\) 's e caisead freagarrach a th' ann.
(Feumaidh tu abairt mar seo a sgrìobhadh)
Question
Dealbh an leathad do ramp cathair-cuibhle le caisead nas lugha na \(0.16\).
Feumaidh an ramp faighinn thairis air steapaichean a tha ag èirigh \(40\,cm\).
Feumaidh sinn an t-astar \((d)\) obrachadh a-mach airson gum bi an caisead nas lugha na \(0.16\).
\( \frac{\text{bheartagail}}{\text{còmhnard}}=\frac{40}{d}\leq 0.16 \)
Faodaidh sinn seo a dhèanamh le feuchainn uair is uair no le bhith ag atharrachadh a' cho-aontair gu:
\(d\geq\frac{40}{0.16}\)
Bidh faid \((d)\) sam bith nas motha na \(250\,cm\) ceart gu leòr.
Bu chòir dhut, ge-tà, astar a thaghadh airson an dealbhaidh agad. Dh'fhaodadh an ramp tòiseachadh \(260\,cm\) bho bhonn nan steapaichean.