Society - completed response and key vocabulary
Here is the completed response displayed as a full written piece.
SCENARIO - Society
Bullet points
- Where you did the project and who you did it with.
- Why you took part in the project.
- How you helped with the project.
- Which part of the project you most enjoyed.
- What the worst part of the project was.
- If you would recommend an experience like this to others.
Completed response
As t-samhradh bha mi an sàs ann am pròiseact aig an tràigh faisg air an taigh agam còmhla ri mo charaidean agus daoine eile às a' choimhearsnachd.
Bha sinn airson an tràigh a ghlanadh agus a dhèanamh nas fheàrr airson clann agus luchd-turais. Bha mòran sgudail air an tràigh agus bha e a' coimhead caran grànda.
Chuidich mise leis a' phròiseact gach Diciadain agus Diardaoin. Bhithinn a' togail plastaig agus ga chur ann am bionaichean mòra. An uair sin, rachainn còmhla ri mo charaid, Ruairidh, dhan ionad ath-chuairteachaidh anns a' bhaile agus bhiodh a' phlastaig ga h-ath-chuairteachadh.
Chòrd a' phròiseact rium san fharsaingeachd. B' fheàrr leam a bhith ag obair còmhla ri daoine eile na a bhith leam fhìn. Dh'ionnsaich mi sgilean conaltraidh math. Bha mi a' faireachdainn math nuair a chunnaic mi an tràigh cho glan aig deireadh an latha.
Cha do chòrd e rium nuair a bha an t-sìde fliuch ge-tà. B' e sin an rud a bu mhiosa. Aon latha, bha uisge trom ann agus bha mi bog fliuch!
Mholainn pròiseact mar seo do dhuine sam bith. Tha e feumail a chur air a' chunntas-beatha agad. Tha mi a' smaoineachadh gu bheil sgilean math agam ann a bhith ag obair ann an sgioba a-nis.
Key vocabulary
An sàs - involved
Coimhearsnachd - community
Airson an tràigh a ghlanadh - to clean the beach
Luchd-turais - tourists
Mòran sgudail - lots of rubbish
Rachainn - I would go
Ath-chuairteachadh - recycling
San fharsaingeachd – in general
B' fheàrr leam a bhith - I preferred to be/ I would prefer to be
Sgilean conaltraidh - communication skills
Cho glan - so clean
Aig deireadh an latha - at the end of the day
Duine sam bith - anybody
Cunntas-beatha - resumé, CV
Now try the Test - the bullet points remain the same.