Na h-Iùdhaich
Bha an dòigh san do dhèilig na Nadsaidhean ris na h-Iùdhaich a' tighinn bho na poileasaidhean sòisealta agus cinnidh aca. Bha na Nadsaidhean a' creidsinn gur e Gearmailtich a-mhàin a b' urrainn a bhith nan saoranaich, agus nach robh còir sam bith aig daoine nach robh nan Gearmailtich còraichean saoranachd fhaotainn.

An SA taobh a-muigh bùth Iùdhach le sanasan ag ràdh "Dìonadh na Gearmailtich iad fhèin bho na h-Iùdhaich! Na ceannaichibh bho Iùdhaich"
Bha feallsanachd cinnidh nan Nadsaidhean ag ràdh gun robh cuid de chinnidhean 'untermensch', Gearmailtis airson 'fo-dhaoine'. Bha mòran luchd-saidheans aig an àm sin dhen bheachd nach robh daoine le ciorram, no le trioblaidean sòisealta, buileach nan daoine ceart a thaobh ginideachd, agus gum feumadh cur às dha na ginean aca bho ghinean dhaoine.
Mar thoradh air na creideasan sin:
- Dh'fheuch na Nadsaidhean ri cur às dha na h-Iùdhaich.
- Mharbh na Nadsaidhean 85 sa cheud de Shiopsaidhean na Gearmailt.
- Sheasgaich na Nadsaidhean daoine dubha.
- Mharbh iad daoine le tinneas inntinn.
- Sheasgaich iad daoine a bha ciorramach nam bodhaig, me daoine bodhar, agus daoine le tinneasan a thàinig bhon sinnsirean.
- Chuir iad daoine nach robh iad a' meas sòisealta dha na campaichean cruinneachaidh. Nam measg sin bha co-ghnèithich, siùrsaichean, Jehovah's Witnesses, alcolaich, sìochantairean, dèircich, luchd-gràisg agus eucoraich.