Breatainn agus an CaribbeanBeairteas nam port is nam marsantan

San t-17mh is san 18mh linn thugadh tràillean à Afraga gu na h-Innseachan an Iar son obair siùcair. Dh’fhàs puirt is marsantan Breatannach beairteach.

Part ofEachdraidhMalairt Thràillean san Atlantaig

Beairteas nam port is nam marsantan

Puirt Bhreatainn

Dh'fhàs na prìomh phuirt ann am Breatainn a bha an sàs ann am malairt nan tràillean gu math luath agus gu math beairteach san 18mh linn. Bho 1761 gu 1807, rinn luchd-malairt a bha stèidhichte ann am puirt am Breatainn £60 millean bho bhith a' reic thràillean.

Companaidh Rìoghail Afraga

Ann an 1672 stèidhich Teàrlach II agus marsantan à Lunnainn Companaidh Rìoghail Afraga. Thug iad mu 100,000 Afraganach mar thràillean dhan Charibbean eadar 1672 agus 1689. Thugadh an t-ainm guinea air an òr a thug iad do thaigh-cùinnidh Shasainn.

Ann an 1689, thòisich marsantan à Bristol agus à Liverpool a' dol an sàs sa mhalairt barrachd is barrachd. Ann an 1760 bha Glaschu a' toirt a-steach barrachd tombaca na bha Lunnainn.