Society - Online shopping and online securityListening passage, transcript and key words

The Gaelic monologue and conversation examples in this guide are about online shopping and online security and can help you to identify the main points in a listening passage, give you practice in extracting information and answering questions.

Part ofGaelic (Learners)Listening

Listening passage, transcript and key words

Listening practice monologue – Online shopping.

Full transcript - Online shopping monologue

Is mise Raonaid NicDhòmhnaill. Thòisich mi a' ceannach aodaich air-loidhne o chionn dà bhliadhna dheug. Tha ùidh mhòr agam ann an aodach agus fasan. Tha mi a' fuireach anns na h-Eileanan an Iar agus chan eil roghainn fharsaing de dh'aodach anns na bùthan. Bha e riamh a' còrdadh rium a bhith a' dol dha na bùthan mòra ann an Glaschu agus Dùn Èideann airson dreasaichean àlainn no brògan spaideil fhaicinn agus fheuchainn orm, ach bha sin gu math daor.

Mar sin, dh'fhosgail mi cunntas air làrach-lìn fasain agus thòisich mi a' dol troimhe airson aodach a shaoil mi a bhiodh a' coimhead snog orm. Chan fheumainn an taigh fhàgail airson na stoidhlichean as ùire fhaighinn agus chòrd seo rium gu mòr. Glè thric, bha na prìsean air-loidhne fada na bu shaoire na bha iad anns a' bhaile-mhòr airson an aon seòrsa rud.

Bhiodh parsailean a' tighinn tron phost agus chuirinn an t-aodach orm gus dearbhadh an robh e freagarrach. Ma bha e ro mhòr no ro bheag, bha e furasta gu leòr a thilleadh tron phost, agus gheibhinn m' airgead air ais.

Bidh mi a' cur dhealbhan den aodach a cheannaicheas mi air-loidhne air na meadhanan sòisealta. Gheibh mi mòran bheachdan snoga bho dhaoine mar as trice. Uaireannan, bidh duine no dithis caran suarach agus a' fàgail bheachdan mì-mhodhail agus feumaidh mi casg a chur orra. Nuair a bhios mi deiseil le pìos aodaich, bidh mi ga reic air-loidhne air làrach-lìn eile.

Key vocabulary from this Revision Guide and Test

O chionn – ago, since

Fasan – fashion

Roghainn fharsaing – wide range

Cunntas – account

Na bu shaoire – cheaper (past/conditional tense)

Parsailean – parcels

Chuirinn orm – I would wear, (Literally - put on me)

Gus dearbhadh – to confirm

Gheibhinn m' airgead air ais – I would get my money back

Na meadhanan sòisealta - social media

Suarach – nasty, mean

Casg – block