Aibhnichean agus glinnCleachdadh-fearainn

Tha feartan aibhne is cleachdaidhean-fearainn ag atharrachadh ann an cùrsa aibhne. Nochdaidh còmhstri ri linn diofar sheòrsachan cleachdadh-fearainn agus feumar ro-innleachdan gus dèiligeadh riutha.

Part ofCruinn-eòlasÀrainneachdan fiosaigeach

Cleachdadh-fearainn

Duilgheadasan agus fuasglaidhean

Air na th' ann de dhiofar luchd-cleachdaidh fearainn agus an fhaid a tha eadar bun agus beul aibhne, bidh còmhstri a' nochdadh mu na dòighean sa bheil diofar ìrean dhen abhainn air an cleachdadh. Seach gu bheil uiread de dhiofar uachdarain ann, agus iomadh duilgheadas a' togail ceann, bheir sinn sùil air a dhà dhiubh agus na diofar ro-innleachdan manaidseachd a chaidh a dhealbh airson na duilgheadasan sin a lùghdachadh.

Strì 1: Luchd-turais v Luchd-turais

DuilgheadasFuasgladh
Carbadan a' cur bacadh air faighinn chun na h-aibhneAnn an cuid de sgìrean, cumaidh ùghdarrasan na pàirc nàiseanta sùil air ionadan-inntridh gus a bhith cinnteach gum bi iad fosgailte. Soidhnichean ag iarraidh air daoine gun parcadh
Dragh ga chur air iasgach san abhainn le luchd-cleachdaidh eile, me kayaking"An Còd Dùthchail/Còd a' Bhlàir A-muigh" ga shanasachd air TBh agus ann an ionadan-fiosrachaidh luchd-turais san sgìre. Uàrdanan a' cumail sùil gus a bhith cinnteach gu bheil daoine a' cumail ris na laghan ionadail
Luchd-turais, gu h-àraidh luchd-campachaidh, a' fàgail sgudalBuidhnean poblach mar SEPA (Scottish Environmental Protection Agency) a' cumail sùil air càileachd uisge
Rathaidean cumhang agus tòrr trafaig ag adhbharachadh trafaig dhùmhlaichte aig ionadan-luchd-turais, me easanCòmhdhail phoblach agus saidhcleadh gam brosnachadh
DuilgheadasCarbadan a' cur bacadh air faighinn chun na h-aibhne
FuasgladhAnn an cuid de sgìrean, cumaidh ùghdarrasan na pàirc nàiseanta sùil air ionadan-inntridh gus a bhith cinnteach gum bi iad fosgailte. Soidhnichean ag iarraidh air daoine gun parcadh
DuilgheadasDragh ga chur air iasgach san abhainn le luchd-cleachdaidh eile, me kayaking
Fuasgladh"An Còd Dùthchail/Còd a' Bhlàir A-muigh" ga shanasachd air TBh agus ann an ionadan-fiosrachaidh luchd-turais san sgìre. Uàrdanan a' cumail sùil gus a bhith cinnteach gu bheil daoine a' cumail ris na laghan ionadail
DuilgheadasLuchd-turais, gu h-àraidh luchd-campachaidh, a' fàgail sgudal
FuasgladhBuidhnean poblach mar SEPA (Scottish Environmental Protection Agency) a' cumail sùil air càileachd uisge
DuilgheadasRathaidean cumhang agus tòrr trafaig ag adhbharachadh trafaig dhùmhlaichte aig ionadan-luchd-turais, me easan
FuasgladhCòmhdhail phoblach agus saidhcleadh gam brosnachadh

Strì 2: Luchd-glèidhteachais v Gnìomhachas

DuilgheadasFuasgladh
Factaraidhean a' cur uisge salach, blàth dha na h-aibhnichean a toirt droch bhuaidh air fiadh-bheatha san uisgeFactaraidhean gan sgrùdadh agus càin a' dol orra ma leigeas iad sgudal mu sgaoil gu mì-laghail
Ola air a leigeil à bàtaichean mòra a' dol dhan uisge agus ag adhbhrachadh truailleadh agus a' milleadh arainnean mòraMolaidhean gus pàircean-mara nàiseanta a stèidheachadh airson fiadh-bheatha agus àrainnean san uisge a dhìon
Stèiseanan HEP a' milleadh coltas nàdarra an dealbh-tìre'S àbhaist stèiseanan HEP a bhith stèidhichte ann an sgìrean dùthchail air falbh bho bhailtean is bho mhòr-bhailtean, agus a' lùghdachadh droch bhuaidh air coltas an àite
Dh'fhaodadh ruith-dheth bho thodhar iasg a phuinnseanachadhTuathanachas organach a bhrosnachadh air tuathanais a tha faisg air aibhnichean
DuilgheadasFactaraidhean a' cur uisge salach, blàth dha na h-aibhnichean a toirt droch bhuaidh air fiadh-bheatha san uisge
FuasgladhFactaraidhean gan sgrùdadh agus càin a' dol orra ma leigeas iad sgudal mu sgaoil gu mì-laghail
DuilgheadasOla air a leigeil à bàtaichean mòra a' dol dhan uisge agus ag adhbhrachadh truailleadh agus a' milleadh arainnean mòra
FuasgladhMolaidhean gus pàircean-mara nàiseanta a stèidheachadh airson fiadh-bheatha agus àrainnean san uisge a dhìon
DuilgheadasStèiseanan HEP a' milleadh coltas nàdarra an dealbh-tìre
Fuasgladh'S àbhaist stèiseanan HEP a bhith stèidhichte ann an sgìrean dùthchail air falbh bho bhailtean is bho mhòr-bhailtean, agus a' lùghdachadh droch bhuaidh air coltas an àite
DuilgheadasDh'fhaodadh ruith-dheth bho thodhar iasg a phuinnseanachadh
FuasgladhTuathanachas organach a bhrosnachadh air tuathanais a tha faisg air aibhnichean