Buaidh Ualas ann an Sruighlea agus na lean
Bha Ualas agus am Moireach a-nis gam faicinn fhèin mar 'Comanndairean Armailt na h-Alba' agus ghluais iad gu buille dheireannach a thoirt an aghaidh Shasainn. Ann am meadhan Alba, bha Sruighlea, agus an caisteal, cudromach a thaobh ro-innleachd. Bha comas aig an fheadhainn aig an robh smachd air Sruighlea air smachd a chumail air gluasad eadar ceann a tuath agus deas na rìoghachd.
Blàr Drochaid Shruighlea
Air 11 Sultain 1297 bha Armailtean Alba, fo Ualas agus Anndra Moireach, an aghaidh armailt làidir à Sasainn air taobh a-muigh Shruighlea. Shuidhich Ualas agus am Moireach iad fhèin air cnoc Creag na h-Abaid.
Bha Armailt Shasainn fo chomannd Iarla Shurrey, Lieutenant Eideird I ann an Alba, agus Ionmhasair Alba, Ùisdean de Cressingham. Cha robh duine dhen dithis dhen bheachd gun robh Ualas no am Moireach nan cunnart, agus bha iad an dùil na h-Albannaich a chur fodha. Cha robh na h-Albannaich idir measail air Ùisdean de Cressingham agus chan eil teagamh nach biodh esan a bhith an làthair air an cuthach a chur air na fir aig Ualas agus Moireach.
'S dòcha gun do chuidich giùlan Shurrey ri bhith a' cur nan Sasannach fodha:
- Mus do thòisich an t-sabaid, bha e mar-thà air cuid dhe na saighdearan aige a chur dhachaigh airson 's nach feumadh e am pàigheadh.
- Bha e dhen bheachd gum biodh e furasta gu leòr do dh'armailt Shasainn buaidh fhaighinn air Ualas agus Anndra Moireach.
- Madainn a' bhlàir, bha e fada gun èirigh.
- Cha robh e cinnteach ciamar a bheireadh e na fir aige thar na h-aibhne, agus thug e ro fhada a' smaoineachadh mu dheidhinn.
Anns a' bhlàr
- Chuir Iarla Shurrey roimhe an drochaid a chleachdadh airson a dhol thar na h-aibhne. Ach bha Drochaid Shruighlea gu math cumhang, agus chan fhaigheadh ach beagan dhe na Sasannaich a dhol thairis aig an aon àm.
- Leig Ualas agus Anndra Moireach le àireamh mhòr dhe na Sasannaich a dhol thairis mus do chuir iad na h-armailtean aca fhèin a-steach.
- Bha na Sasannaich air an glacadh eadar Armailt Alba agus an abhainn. Bha na h-Albannaich a' cur an earbsa anns na fir-sleagha, agus mu dheireadh chaidh aca air eachraidh Shasainn a sgaradh bhon chòrr dhen fheachd aca air taobh eile na h-aibhne.
- Bha iad air an gearradh dheth agus gun chomas aca air ratreut a dhèanamh, chaidh mòran dhe na Sasannaich a mharbhadh, agus chaidh mòran a bhàthadh anns an abhainn. Chaidh Ùisdean de Cressingham fhèin a mharbhadh, agus a rèir aithris, thug na h-Albannaich an craiceann dheth agus gheàrr iad e na phìosan.
- Anns a' bhùrach a thàinig às dèidh buaidh nan Albannach, thill Surrey agus an armailt aige a Bhearaig far am biodh e an ìre mhath sàbhailte.
