Learning – Higher education optionsListening passage, transcript and key words

The Gaelic monologue and conversation examples in this guide are about higher education options and can help you to identify the main points in a listening passage, give you practice in extracting information and answering questions.

Part ofGaelic (Learners)Listening

Listening passage, transcript and key words

Listening practice monologue – Going to university.

Full transcript - Going to university - monologue

Is mise Ceit Stiùbhart. 'S ann à Cataibh a tha mi. 'S e cunntasair a th' annam ann am banca mòr ann an Dùn Èideann. Is fìor thoigh leam Dùn Èideann mar bhaile mòr, ach cha deach mi dhan oilthigh an seo. Rinn mi ceum matamataig ann an Oilthigh Chambridge ann an Sasainn.

Fhuair mi comharran matha air a' chòigeamh bhliadhna san sgoil, agus fhuair mi tòrr brosnachaidh o mo thidsear matamataig a dhol air adhart gu agallamhan airson Cambridge. Tha Cambridge gu math ainmeil air feadh an t-saoghail mar oilthigh agus tha farpais mhòr ann airson àiteachan. Chuir e iongnadh mòr orm nuair a bha mi soirbheachail agus chaidh mi sìos aig deireadh na siathamh bliadhna còmhla ri mo phàrantan sa chàr.

Cha robh e furasta an toiseach a chionn 's gun robh an cianalas orm. Bha mi ag ionndrainn na Gàidhealtachd, mo phàrantan agus mo charaidean, ach gu math luath bha mi cho trang agus nach robh tìde sam bith agam a bhith brònach.

Tha na clasaichean san oilthigh gu math trom ort. Bidh na h-òraidichean a' toirt seachad mòran fiosrachaidh ann an ùine ghoirid agus feumaidh tu a bhith math air notaichean a ghabhail. Bha òraidean agam air madainn Disathairne cuideachd. Cha robh sin furasta uaireannan!

Gach seachdain, bhiodh sinn a' faighinn dà dhuilleag-obrach le ceistean matamataig orra. Bha iad anabarrach doirbh, fada na bu dorra na an deuchainn fhèin. Bhithinn a' dol dhan leabharlann feasgar agus a' feuchainn ri am freagairt.

Ged a bha an obair cruaidh, fhuair mi ceum math agus rinn mi mòran charaidean fad-bheatha ann an Cambridge. Bidh sinn uile a' coinneachadh ri chèile uair sa bhliadhna fhathast. Na biodh eagal ort a dhol a dhùthaich eile dhan oilthigh.

Key vocabulary from this Revision Guide and Test

Cunntasair – accountant

Ceum matamataig – a mathematics degree

Comharran – marks

Brosnachadh – encouragement

A dhol air adhart - to go forward/move ahead

Tha farpais mhòr ann airson àiteachan - there is a lot of competition for places

Chuir e iongnadh mòr orm – it greatly surprised me

Soirbheachail – successful

A chionn 's gun robh an cianalas orm – because I was homesick

Ag ionndrainn – missing, longing for

Òraidiche - lecturer

Na bu dorra – more difficult (past/conditional)

Fad-bheatha – lifelong

A' coinneachadh ri chèile – meeting each other