Brus a' tilleadh
Thill Brus gu tìr-mòr tràth ann an 1307 agus chaidh leis na b' fheàrr.
- Anns a' Ghearran 1307, fhuair e taic na àite fhèin ann an Carraig agus chuir e fodha Armailt bheag, Shasannach ann an Gleann an t-Sruthail.
- Anns a' Chèitean 1307, chuir e fodha Prìomh Armailt Shasainn ann an Alba, aig Beinn Lughdain (Loudoun Hill).
- Anns an Iuchar 1307, bha Eideard I air a shlighe à Sasainn airson dèiligeadh ri Brus, nuair a chaochail e faisg air crìoch na h-Alba. Chuir Eideard II roimhe tilleadh a Shasainn.
Cogadh catharra na h-Alba
Am Brusach - buaidhean agus tinneasan
B' urrainn Brus a-nis aire a chumail air a bhith a' neartachadh a smachd air uaislean Alba, agus bha mòran dhiubh fhathast a' toirt taic do thagradh Chuimein air a' chrùn. Rinn Brus nithean a dh'adhbharaich cogadh catharra.
- An t-Earrach, 1308 – chaill Iarla Bhuchan aig Blàr Inbhir Uraidh.
- An Samhradh, 1308 – Ionnsaigh Bhuchan. Chaidh na fearainn aig tuath a sgrios le Brus airson a naimhdean a pheanasachadh.