BailteilComharran prìomh sgìre gnothachais

Tha sònaichean cleachdadh-fearainn, le comharran aithnichte a chaidh an ath-leasachadh, sna mòr-bhailtean leasaichte. Feumaidh na mòr-bhailtean fo leasachadh dèiligeadh ri cùisean nan sgìrean bochda.

Part ofCruinn-eòlasÀrainneachdan daonna

Comharran prìomh sgìre gnothachais

Glaschu

Meadhan baile Ghlaschu, Alba
Image caption,
Meadhan baile Ghlaschu

Bidh PSG:

  • ann am meadhan mòr-bhaile
  • anns an àite as fhaisge airson faighinn thairis air abhainn, me Abhainn Chluaidh ann an Glaschu
  • faisg air a' phàirt as sine de bhaile

Tha PSG ann am meadhan mòr-bhaile oir:

  • 's e àite math a th' ann am meadhan baile airson rathaidean agus rèile a bhith a' tighinn còmhla
  • sin an t-àite as fhasa do luchd-obrach faighinn ann
  • tha e furasta dhan mhòr-chuid faighinn ann airson bùithtean agus gnìomhachasan
  • glè thric, tha an suidheachadh math a thaobh cruinn-eòlais, mar eisimpleir, tha Glaschu air a chuartachadh le cnuic airson dìon

Tha PSG furasta aithneachadh bho na comharran a leanas:

  • togalaichean àrda/iomadh-ùrlar
  • talamh uabhasach daor
  • dùmhlachd mhòr thaighean is thogalaichean
  • dìth talamh fosgailte
  • 's e mòr-bhùithtean (bùithtean coimeas-prìse) no bùithtean sònraichte, mar bùithtean seudraidh, a bhios ann
  • ionadan-bhùithtean ùra agus sràidean do luchd-coiseachd a-mhàin
  • togalaichean cultarach/eachdraidheil, taighean-tasgaidh agus caistealan
  • roinn gnothachais - oifisean, ionmhas, bancaichean, rianachd, talla-baile
  • fèisteas - taighean-dhealbh, taighean-cluich agus clubaichean
  • ionadan-còmhdhail - stèisean bhusaichean agus rèile
  • tòrr trafaig agus luchd-coiseachd aig uairean trang nan coimiutairean agus Disathairne, airson a dhol dha na bùithtean
  • pàircean-chàraichean iomadh-ùrlar
  • pàtran-clèithe air na sràidean

Seo cuid dhe na comharran a gheibh thu ann an Glaschu:

  • togalaichean àrda/iomadh-ùrlar
  • ionad-bhùithtean ùr agus slighe do luchd-coiseachd a-mhàin
  • gun talamh fosgailte
  • mòr-bhùithtean
  • togalaichean cultarach/eachdraidheil
  • fèisteas
  • ionadan-còmhdhail
  • pàircean-chàraichean iomadh-ùrlar
  • pàtran-clèithe air na sràidean – Sràid Sauchiehall, Sràid Bath agus Sràid Renfield

More guides on this topic