TurasachdBuaidh mòr-thurasachd air daoine agus àrainneachd

Tha turasachd ga leasachadh ri linn feartan nàdarra is fuadain. ‘S e cùis chruinneil a th’ ann le deagh is droch bhuaidhean. Le manaidseadh glic, thèid buaidh turasachd san 21mh linn a lùghdachadh.

Part ofCruinn-eòlasTurasachd

Buaidh mòr-thurasachd air daoine agus àrainneachd

Deagh bhuaidh air daoine

  • Tha muinntir an àite air am fastadh a' togail goireasan luchd-turais agus a' frithealadh orra, me ann an taighean-òsta, taighean-bìdh agus bùithtean. Tha sin a' ciallachadh gu bheil iad a' cosnadh agus bidh dòigh-beatha nas fheàrr aca.
  • Faodaidh muinntir an àite cuideachd cothrom a ghabhail air goireasan luchd-turais, me taighean-bìdh, pàircean chur-seachadan, sgitheadh agus pàircean-uisge.
  • Tha barrachd obraichean a' toirt air suim chìsean ionadail a dhol suas agus an uair sin, 's urrainn dhan chomhairle/riaghaltas ionadail airgead a chur ri sgoiltean, cùram slàinte agus seirbheisean sòisealta.
  • Gheibh daoine san dùthaich fhàilteachaidh eòlas air cànan eile agus air diofar chultaran – bidh sin a' cur gu mòr ri tuigse chultarail.
  • Gheibh muinntir an àite buannachd air sgàth leasachadh ann am bun-structar, me dealan, rathaidean agus puirt-adhair.
Tursan bàta do luchd-turais
Image caption,
Tursan bàta do luchd-turais

Droch bhuaidh air daoine

  • Faodaidh nach bi obraichean ann ach rè an t-seusain, gu h-àraidh ann an àitichean airson sgitheadh agus tràighean, agus mar sin, faodaidh nach bi teachd-a-steach aig cuid de dhaoine fad mhìosan.
  • Faodaidh gum bi luchd-turais a' dèanamh fuaim agus a' milleadh sàmhchair an àite.
  • Faodaidh goireasan luchd-turais a bhith daor agus cha tèid aig muinntir an àite air cothrom a ghabhail orra.
  • Faodaidh còmhstri a bhith eadar cultaran agus bidh còmhstri eadar luchd-turais agus muinntir an àite.

Deagh bhuaidh air an àrainneachd

  • Faodaidh goireasan ùr-nodha do luchd-turais coltas sgìrean truagh a leasachadh.
  • Tha mòran luchd-turais mothachail air an àrainneachd agus faodaidh sin deagh bhuaidh a thoirt air an dealbh-tìre le bhith a' toirt airgead do thèarmainn nàdair ionadail.
  • Faodar tràighean a ghlanadh airson a bhith cinnteach gu bheil iad sàbhailte do luchd-turais tro iomairtean mar am Blue Flag.
  • Cuantan, me cha bhi uiread de thruailleadh sa Mhuir Meadhan-thìrich seach gum bi barrachd ionadan-òtrachais gan togail gus truailleadh uisge a lùghdachadh.

Droch bhuaidh air an àrainneachd

  • Tha dealbhan-tìre air am milleadh le leasachadh, me bailtean iasgaich san Spàinn a-nis le cus thaighean-òsta agus goireasan turasachd.
  • Tha talamh tuathanachais ga chall air sgàth leasachaidhean turasachd.
  • Tha barrachd siubhal adhair a' cur ri blàthachadh na cruinne.
  • Tha dùmhlachd trafaig a' cur ri truailleadh èadhair agus fuaim.
  • Tha iomadh goireas turasachd a' milleadh sealladh na h-àrainneachd nàdarra.
  • Tha barrachd òtrachais a' truailleadh na mara agus a' meudachadh cunnart bho ghalaran mar typhoid agus hepatitis.
  • Bidh uisge air a thruailleadh a' milleadh àrainnean mara agus beatha san uisge.
  • Bidh sgudal a' milleadh coltas àitichean.