Buaidh shòisealta an Dara Cogaidh air BreatainnAn riaghaltas agus beachdan a thaobh bochdainn

Àm an Dara Cogaidh bha pàirt aig an riaghaltas ann am beatha dhaoine. Dh’ainmich Aithisg Beveridge còig phrìomh àmhghairean sòisealta agus chaidh Stàit na Sochairean a stèidheachadh.

Part ofEachdraidhBreatainn san Nuadh Linn

An riaghaltas agus beachdan a thaobh bochdainn

Fad an Dara Cogaidh (1939-45), bha an dùthaich air a ruith le riaghaltas anns an robh luchd-poilitigs Làbarach, Tòraidheach agus Libearalach. Chaidh Winston Churchill a thaghadh mar Phrìomh Mhinistear agus bha e os cionn Riaghaltas Bhreatainn airson a' mhòr-chuid dhen chogadh.

Bha an riaghaltas a' gabhail barrachd gnothaich ri beatha dhaoine aig àm a' chogaidh. An àite a bhith fad an aghaidh sin, bha a' mhòr-chuid toilichte gun robh an riaghaltas a' dèanamh rudeigin dhaibh, agus bha iad ag iarraidh barrachd dheth. Bha daoine a' faicinn gun robh an riaghaltas a' gabhail ùidh ann am math muinntir Bhreatainn.

Thug an cogadh buaidh mhòr air mar a bha daoine beò ann am Breatainn.