Graf-loidhne
Tha iomadh dòigh ann air graf-loidhne a chleachdadh gus fiosrachadh toinnte a shealltainn.
Tha ainm gach axis a rèir 's an t-sùim a th' air a leubaileadh. Dh'fhaodadh gur e \(x\) agus \(y\) a bhios an seo, no ùine agus teòthachd.
Ma tha aon uiread an eisimeil uiread eile, bidh am fear a tha an eisimeil an fhir eile an-còmhnaidh air a chomharrachadh air an axis bheartagail.
Eisimpleir
Tha companaidh a' cur nan cosgaisean a leanas air lìbhrigeadh pharsailean.
Tha a' chosgais an eisimeil àireamh nam parsailean, agus chan e an àireamh pharsailean air a' chosgais.
Question
Tha luach reic bathair sa chiad leth de bhliadhna a' nochdadh sa chlàr seo.
| Mìos | Luach reic |
| Am Faoilleach | \(£3\,500\) |
| An Gearran | \(£1\,300\) |
| Am Màrt | \(£4\,200\) |
| An Giblean | \(£6\,000\) |
| An Cèitean | \(£4\,000\) |
| An t-Ògmhios | \(£3\,500\) |
| Mìos | Am Faoilleach |
|---|---|
| Luach reic | \(£3\,500\) |
| Mìos | An Gearran |
|---|---|
| Luach reic | \(£1\,300\) |
| Mìos | Am Màrt |
|---|---|
| Luach reic | \(£4\,200\) |
| Mìos | An Giblean |
|---|---|
| Luach reic | \(£6\,000\) |
| Mìos | An Cèitean |
|---|---|
| Luach reic | \(£4\,000\) |
| Mìos | An t-Ògmhios |
|---|---|
| Luach reic | \(£3\,500\) |
Ciamar a shealladh tu am fiosrachadh seo air graf?
Tagh sgèile airson an axis bheartagail agus comharraich na mìosan aig beàrnan co-ionann air an axis chòmhnard.
Cuir an dàta air a' ghraf agus ceangail na puingean.