Directed writing - Employability - Writing about a part-time jobEmployability- completed response and vocabulary

The following scenario and responses are about having a part-time job. The Gaelic responses and English to Gaelic quiz aim to help you extend your Gaelic writing skills.

Part ofGaelic (Learners)Writing

Employability - completed response and key vocabulary

Here is the completed response displayed as a full written piece.

SCENARIO - Employability

Bullet points

  • Where the job is and what hours you work.
  • What your main responsibilities are.
  • What skills you have learned in the job.
  • How you get on with people in the job.
  • The best part of the job.
  • Whether you would like to do this job in the future.

Completed response

Thòisich mi ag obair ann am bùth nam pàipearan ann am meadhan a' bhaile gach Disathairne bho naoi uairean gu còig uairean feasgar. 'S e neach-bùtha a th' annam agus tha e a' còrdadh rium gu mòr.

Bidh mi ag obair anns a' bhùth a' reic irisean agus phàipearan. Bidh mi a' lìonadh sgeilpichean agus a' gluasad rudan. Bidh mi ag obair le airgead. Bidh mi ag obair air mo cheann fhèin gu math tric.

Tha mi air deagh sgilean àireamhachd ionnsachadh. Feumaidh tu a bhith math air cunntadh agus rianachd. Tha mi glè mhath air a bhith ag obair ann an sgioba cuideachd.

Bidh mi a' faighinn air adhart leis a h-uile duine anns a' bhùth - mo cho-obraichean agus an luchd-ceannach. 'S e daoine càirdeil a th' annta. Tha aon duine ann, Seumas, agus tha e gu math èibhinn.

Is e am pàigheadh an rud as fheàrr leam. Chan eil an tuarastal ro àrd ach tha e math a bhith a' cosnadh. Is toigh leam a bhith a' cuideachadh dhaoine cuideachd.

Ged 's toigh leam i, chanainn nach bu toigh leam an obair seo a dhèanamh nuair a dh'fhàgas mi an sgoil. Tha mi airson a bhith nam shaighdear anns an arm. Is fìor thoigh leam einnseanan agus eacarsaich.

Key vocabulary

Nach-bùtha - shopkeeper, shop assistant

A' reic - selling

A' lìonadh sgeilpichean – filling shelves

Tha mi air deagh sgilean àireamhachd ionnsachadh - I have learned good numeracy skills

Rianachd - administration

A' faighinn air adhart leis - getting on with

Co-obraichean - colleagues

Luchd-ceannach - customers

Daoine càirdeil - friendly people

Chanainn nach bu toigh leam… - I'd say I would not like…

An t-arm - the army

Anns an arm – in the army

Now try the Test - the bullet points remain the same.