Luach ag àrdachadh agus ag ìsleachadh
Luach ag àrdachadh
Nuair a tha luach ag àrdachadh, tha luach rud a' dol suas. Tha prìsean thaighean nan deagh eisimpleir air an seo. Gach bliadhna, nuair a thèid luach taighe suas, canaidh sinn gu bheil an luach ag àrdachadh.
Glè thric bidh an reat àrdachaidh air a thoirt dhuinn mar cheudad.
Eisimpleir
Chaidh flat a cheannach air \(\pounds90,000\).
Anns gach bliadhna dhe na trì bliadhna an dèidh sin, dh'àrdaich an luach \(8\%\).
Dè an luach a tha sa flat an dèidh trì bliadhna?
Àrdachadh ann am bliadhna 1: \(8\%\,de\,\pounds90,000 = \pounds7200\)
Luach na Flat = \(90,000 + 7,200 = \pounds97,200\)
Àrdachadh ann am bliadhna 2: \(8\%\,de\,\pounds97,200 = \pounds7776\)
Luach na Flat = \(97,200 + 7,776 = \pounds104,976\)
Àrdachadh ann am bliadhna 3: \(8\%\,de\,\pounds104,976 = \pounds8398.08\)
Luach na Flat = \(104,976 + 8,398.08 = \pounds113,374.08\)
Mar sin an dèidh trì bliadhna, tha luach \(\pounds113,374.08\) sa flat.
Luach ag ìsleachadh
Nuair a tha luach ag ìsleachadh, tha luach rud a' dol sìos. Tha prìsean chàraichean nan deagh eisimpleir air an seo. Gach bliadhna, bidh luach càir a' dol sìos, agus mar sin canaidh sinn gu bheil an luach aige ag ìsleachadh.
Glè thric bidh an reat ìsleachaidh air a thoirt dhuinn mar cheudad.
Eisimpleir
Tha càr ùr a' cosg \(\pounds12,000\).
Chaill an càr \(10\%\) dhen luach aige sa chiad bhliadhna agus \(15\%\) dhen luach san dara bliadhna.
Dè an luach a tha sa chàr an dèidh dà bhliadhna?
Ìsleachadh bliadhna 1: \(10\%\,de\,\pounds12000 = \pounds1200\)
Luach a' chàir = \(12,000 - 1,200 = \pounds10,800\)
Ìsleachadh bliadhna 2: \(15\%\,de\,\pounds10800 = \pounds1620\)
Luach a' chàir = \(10,800 - 1,620 = \pounds9,180\)
Mar sin an dèidh 2 bhliadhna tha luach \(\pounds9180\) sa chàr.
Àrdachadh/ìsleachadh mar cheudad
Thèid agad cuideachd air obrachadh a-mach dè ùiread 's a tha luach rud air àrdachadh no ìsleachadh le bhith a' lorg an diofair ann an luach mar cheudad dhen luach bho thùs.
Eisimpleir
Dh'ìslich luach coimpiutair bho \(\pounds1500\) gu \(\pounds900\) sna trì bliadhna mu dheireadh.
Dè an t-ìsleachadh, mar cheudad, a bh' ann an luach a' choimpiutair?
Ìsleachadh = \(1500 - 900 = \pounds600\)
Ìsleachadh mar cheudad = \(\frac{600}{1500}\times 100\)
\(= 40\%\)