A' tuairmse
Faodaidh sinn figearan brìgheil a chleachdadh gus freagairt tuairmseach fhaotainn do cheist.
Faodaidh sinn na h-àireamhan gu lèir ann an ceist mhatamataig a chruinneachadh gu \(1\) fhigear brìgheil gus am bi àireamhan 'nas fhasa' againn. Glè thric, thèid agad air seo a dhèanamh na do cheann.
Question
Faigh freagairt tuairmseach do \(\frac{{19.4}}{{0.0437}}\)
Bidh sinn an toiseach a' cruinneachadh an dà àireamh gu \(1\) fhigear brìgheil (fb):
\(19.4 = 20 (1\,fb)\)
\(0.0437 = 0.04 (1\,fb)\)
Feumaidh sinn a-nis an seòrsaiche a dhèanamh na àireamh shlàn. Nì sinn seo le bhith ag iomadachadh an dà chuid \(20\) agus \(0.04\) le \(100\).
\(\frac{{20}}{{0.04}} = \frac{{20 \times 100}}{{0.04 \times 100}} = \frac{{2000}}{4}\)
Roinn a h-uile sìon le \(4\).
\(= \frac{{2000}}{4} = 500\)
'S e am freagairt ceart airson \(19.4 \div 0.0437 = 443.9359\)... Mar sin 's e deagh thuairmse a bha seo.
Feuch a-nis a' cheist seo. Cuimhnich gu bheil an t-obrachadh a nì thu a cheart cho cudromach 's a tha am freagairt.
Question
Ciamar a gheibh thu freagairt tuairmseach do \(386062 \times 0.007243?\)
An d' fhuair thu \(400000 \times 0.007 = 2800?\) Ma fhuair, math fhèin!
Rinn thu cruinneachadh ceart agus dh'obraich thu a-mach freagairt tuairmseach.
A' cruinneachadh gu \(1\,fb\)
\(386062 = 400000\)
\(0.007243 = 0.007\)
So\(400000 \times 0.007 = 2800\)