Riaghaltas Shìona agus còraichean daonnaTuilleadh càinidh air còraichean daonna Shìona

'S e Sìona an treas dùthaich as motha air an t-saoghal a thaobh farsaingeachd. Tha aon às gach còignear air an t-saoghal (1.4 billean) a' fuireach ann. Gu 2023, b' e Sìona an dùthaich leis an àireimh-sluaigh a bu mhotha air an t-saoghal ach ghabh an uair sin na h-Innseachan an t-àite sin. 'S e stàit chomannach le aon-phartaidh a th' innte.

Part ofNuadh-eòlasCumhachdan an t-saoghail: Sìona

Tuilleadh càinidh air còraichean daonna ann an Sìona

Tibet

Ghabh Sìona thairis Tibet ann an 1950. Bhon uair sin tha strì air a bhith eadar na h-ùghdarrasan Sìonach agus an fheadhainn a tha ag iarraidh Tibet a bhith neo-eisimeileach a-rithist.

Sgìre Fèin-riaghlaidh Tibet. Tibet chinneachail gu h-eachdraidheil.

Sna bliadhnachan mu dheireadh tha mòran air a bhith a' togail fianais air feadh Thibet an aghaidh mar a thathar a' cur às do chultar Thibet agus mar a thathar a' dèiligeadh ris na daoine.

Chaidh mòran dhaoine à Tibet a chur an sàs, agus chlàr Amnesty International pianadh agus murt iomadh turas.

Ann an 2016, bha ùghdarrasan ionadail a' cumail a-mach gun robh cus sluaigh ann agus thòisich iad a' leagail thogalaichean aig an institiud Bhuddhach a bu mhotha ann an Tibet, Larung Gar. "Chuir iad a-mach na manaich a bha a' fuireach ann agus leag iad an àireamh aca le leth gu 5,000." (Stòr: BBC News)