Son conaltradh èifeachdach feumar beachdan soilleir, briathrachas freagarrach is beairteas de dh’abairtean is de ghnàthasan-cainnt. Seo cothrom sgilean còmhraidh a leasachadh.
Ceist: Am bi thu fhèin no duine san teaghlach agad a' cluich ionnsramaid ciùil, a Mhàiri?
Màiri: Bidh. Tha mi fhìn dìreach air tòiseachadh air...
Beachdan air an eisimpleir:
Chì thu gu bheil gu leòr aig Màiri ri ràdh. Aig Ìre Nàiseanta 5, bidh thu a' tairgsinn fiosrachadh a tha freagarrach agus cha bhi aig an tidsear ri tharraing asad.
Bidh do thidsear a' coimhead airson beartas cànain bhuat. Dèan cinnteach gun dèan thu do dhìcheall!
Feuch fhèin smaoineachadh air dè eile a chuireadh tu ris a' phìos seo. San eisimpleir, bha Màiri gus innse dhuinn mu ionnsramaid ciùil; a bheil thu fhèin a' cluich inneal-ciùil? Ma tha, is e toiseach tòiseachaidh glè mhath a bhiodh ann sin a mhìneachadh. Mur a bheil, innis sin agus dh'fhaodadh tu an uair sinn innse a bheil caraid, no neach san teaghlach agad a' cluich inneal-ciùil.
Smaoinich air cànan a tha beothail agus dèan do chòmhradh tarraingeach.