Learning - completed response and key vocabulary
Here is the completed response displayed as a full written piece.
SCENARIO - Learning
Bullet points
- What skill(s) you learned and where you learned it.
- Why you wanted to learn this skill/these skills.
- What the most difficult part of the course was.
- How you got on with the other students.
- How you will use this skill/these skills in the future.
- If you would recommend this course.
Completed response
Thòisich mi ag ionnsachadh coimpiutaireachd o chionn trì bliadhna aig Colaiste Obar Dheathain. Bha mi fhathast anns a' chòigeamh bliadhna ach cha robh iad a' tabhann coimpiutaireachd aig an àrd-sgoil agam.
Tha ùidh mhòr agam ann an teicneòlas agus bha mi airson barrachd ionnsachadh mu dheidhinn sgilean coimpiutaireachd.
Chòrd an clas rium ach bha an cùrsa glè dhoirbh an toiseach. B' e còdachadh an rud a bu dhorra. Rinn mi gèam coimpiutair mu dheidhinn dràibheadh agus aplacaid.
Fhuair mi air adhart leis a h-uile duine anns a' chlas. 'S e daoine snog a bh' annta agus bhiodh iad uile ag obair gu cruaidh. Bha mi a' faireachdainn gu math leisg! Rinn mi mòran charaidean ùra.
Tha mi an dùil coimpiutaireachd a dhèanamh anns an oilthigh agus bu toigh leam obair a dhèanamh ann an teicneòlas fiosrachaidh.
Mholainn an cùrsa seo gu mòr, tha mi a' smaoineachadh gun robh e dha-rìribh inntinneach. Dh'ionnsaich mi tòrr agus leasaich mi na sgilean agam.
Key vocabulary
Thòisich mi - I started
O chionn trì bliadhna - three years ago
Tha ùidh mhòr agam ann an - I have a great interest in
Còdachadh - coding
Aplacaid - application (app)
Teicneòlas Fiosrachaidh - Information Technology
Tha mi an dùil - I expect
Mholainn - I would recommend
Dh'ionnsaich mi tòrr - I learned lots
Leasaich mi na sgilean agam - I developed my skills
A' mhòr-chuid - the majority
Now try the test - the bullet points remain the same.