An Riaghaltas Làbarach agus an Stàit ShochaireanLeasachaidhean a thaobh Thinneasan
An dèidh an Dara Cogaidh stèidhich an Riaghaltas Làbarach Stàit nan Sochairean. Chaidh iad an sàs sna ‘Còig Mhòra’ bho Aithisg Beveridge – Tinneas, Dìth, Salchar, Aineolas is Dìomhanas.
Chaidh Seirbheis Nàiseanta Slàinte (NHS) a stèidheachadh ann an 1948, a' toirt cothrom an-asgaidh air dotairean, fiaclairean, luchd nan sùilean agus ospadail. Bha leigheas an-asgaidh.
Bha dotairean, fiaclairean agus luchd nan sùilean gus a dhol fodha le daoine a bha a' feitheamh leigheas ach nach b' urrainn pàigheadh air a shon roimhe.
Dìth soirbheachaidh:
Ann an 1950 bha an NHS a' cosg £358 millean sa bhliadhna.
Bha aig an riaghlatas ri ceum air ais a ghabhail bho sheirbheis an-asgaidh le cìsean a thoirt a-steach airson speuclairean agus leigheas fhiaclan.