SeòladaireachdCo-chomharran 3 figearan

Thèid againn air turas seòladaireachd a phlanadh le map no plana. Le bhith a’ cleachdadh chùrsaichean agus faid, faodaidh sinn an cùrsa seo a shealltainn air diagram.

Part ofGnìomhan MatamataigsTomhas

Co-chomharran 3 figearan

Smaoinich ort fhèin ann am bàta aig muir. Tha thu air chall agus chan fhaic thu tìr.

Chuir thu airson cuideachadh air an rèidio agus chaidh iarraidh ort seòladh air cùrsa de \(125^{\circ}\). Dè tha seo a' ciallachadh?

'S e àirde a th' ann an cùrsa. Tha e daonnan air a thomhas deasail bhon Tuath.

Chì thu an cùrsa \(125^{\circ}\) san diagram gu h-ìseal.

Diagram showing a 125 degree angle

Na do bheatha dha-rìribh, dh'fheumadh tu combaist airson Tuath a lorg agus an uair sin an cùrsa \(125^{\circ}\).

Tha ceàrnan nas lugha na \(100^{\circ}\) air an sgrìobhadh le '\(0\)' romhpa airson co-chomharra 3 figearan a dhèanamh dhiubh. Mar eisimpleir, \(060^{\circ}\), \(021^{\circ}\).

Gabhaidh puingean na combaist a sgrìobhadh mar cho-chomharran 3 figearan:

Tuath\(000^{\circ}\)
An Ear-thuath\(045^{\circ}\)
An Ear\(090^{\circ}\)
An Ear-dheas\(135^{\circ}\)
Deas\(180^{\circ}\)
An Iar-dheas\(225^{\circ}\)
An Iar\(270^{\circ}\)
An Iar-thuath\(315^{\circ}\)
Tuath
\(000^{\circ}\)
An Ear-thuath
\(045^{\circ}\)
An Ear
\(090^{\circ}\)
An Ear-dheas
\(135^{\circ}\)
Deas
\(180^{\circ}\)
An Iar-dheas
\(225^{\circ}\)
An Iar
\(270^{\circ}\)
An Iar-thuath
\(315^{\circ}\)

Cha leig thu leas cuimhneachadh orra seo, ach bu chòir dhut cuimhneachadh air na ceumannan de \(45\,ceuman\).

Aig muir, air tìr no anns an adhar, 's e co-chomharran 3 figearan as trice a th' air an cleachdadh na puingean na combaist. Ach bu chòir fios a bhith agad air an dà dhòigh.

A' lorg a' chùrsa gu A bho B

Seo eisimpleir. Smaoinich gu bheil thu aig puing B. Tha thu airson siubhal gu puing A. Dè an cùrsa air am bu chòir dhut siubhal?

Diagram showing a 74 degree angle at point 'B'. T A B, where T is north line (Tuath)

'S e an cùrsa \(074^{\circ}\).

Question

Diagram showing an angle

Lorg an cùrsa A bho B. Feumaidh tu protractair.

Question

Diagram showing an angle

Lorg an cùrsa A bho B.

Question

Diagram showing an angle

Lorg an cùrsa A bho B.

More guides on this topic