Tha co-mheas air a chleachdadh gus dà uiread a choimeas. Bu chòir gum biodh gach uiread san aon aonad.
Part ofMatamataigÀireamhachd
Lean an t-eisimpleir seo airson uiread a roinn ann an co-mheas ainmichte.
Tha \(\pounds30\) air a roinn eadar Ken agus John sa cho-mheas \(2 : 1\).
Dè gheibh gach fear dhiubh?
Ma thèid rudeigin a roinn sa cho-mheas \(2 : 1\), tha 3 'pàirtean' ann uile-gu-lèir.
\(1\,\text{phàirt} = \frac{{30}}{3} = \pounds10\)
Tha 2 phàirt aig Ken = \(2 \times \pounds10 = \pounds20\)
Tha 1 phàirt aig John = \(1 \times \pounds10 = \pounds10\)
Cleachd an dòigh seo gus an co-aontar seo fhuasgladh.
Tha 180 sgoilear ann am bliadhna-sgoile.
Tha an co-mheas eadar sgoilearan a bhios a' cleachdadh na làimh chlì agus sgoilearan a bhios a' cleachdadh na làimh dheis aig \(1 : 8\).
Cia mheud sgoilear a bhios a' cleachdadh na làimh dheis?
Tha an co-meas aig \(1 : 8\) agus mar sin tha 9 'pàirtean' ann uile-gu-lèir.
\(1\,\text{phàirt} = \frac{{180}}{9} = 20\)
Sgoilearan a bhios a' cleachdadh na làimh chlì = 1 phàirt = \(1 \times 20 = 20\).
Sgoilearan a bhios a' cleachdadh na làimh dheis = 8 pàirtean = \(8 \times 20 = 160\).