Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

Spòrs: IomainSpòrs: Iomain

Son conaltradh èifeachdach feumar beachdan soilleir, briathrachas freagarrach is beairteas de dh'abairtean is de ghnàthasan-cainnt. Seo cothrom sgilean còmhraidh a leasachadh.

Part ofGàidhligCòmhradh

Spòrs: Iomain

Mapa-inntinn: An t-àite sònraichte a th' aig iomain ann an cultar na Gàidhlig

An t-àite sònraichte a th' aig iomain ann an cultar na Gàidhlig

Tidsear: A bheil thu a' smaoineachadh gu bheil àite sònraichte aig iomain ann an cultar na Gàidhlig a Chaluim?

Calum: O tha gu dearbha...

Beachdan air an eisimpleir:

  • Chì thu gu bheil gu leòr aig Calum ri ràdh. Aig Ìre Nàiseanta 5, bidh thu a' tairgsinn fiosrachadh a tha freagarrach agus chan fheumar a bhith dha tharraing asad.
  • Bidh do thidsear a' coimhead airson beartas cànain bhuat. Dèan cinnteach gun dèan thu do dhìcheall!
  • Feuch fhèin smaoineachadh air dè eile a chuireadh tu ris a' phìos seo. San eisimpleir, bha Calum gus innse mu bheachdan air iomain agus cultar na Gàidhlig; a bheil thu fhèin a' cluich no a bheil beachd agad fhèin air a' phuing seo? Ma tha, is e toiseach tòiseachaidh glè mhath a bhiodh ann sin a mhìneachadh.
  • Smaoinich air cànan a tha beothail agus dèan do chòmhradh tarraingeach.

More guides on this topic