Ìsleachadh
Aghaidhean sìde
'S e siostam bruthadh ìosal, a tha a' gluasad bhon iar chun an ear san leth-chruinne a tuath, a th' ann an ìsleachadh.
Aithnichidh tu siostaman bruthadh ìosal bho chlàr sionoptaig air sgàth:
- aghaidhean fuar
- aghaidhean blàth
- 's dòcha aghaidhean dùinte
- loidhneachan-bruthaidh faisg air a chèile
- loidhneachan-bruthaidh a' sealltainn bruthadh a' lùghdachadh chun a' mheadhain bho mu 1004mb
Aghaidh bhlàth
Ann an siostam le bruthadh ìosal, 's e an aghaidh bhlàth a' chiad aghaidh a thèid thairis air. Bidh seo a' tachairt nuair a choinnicheas èadhar blàth ri èadhar fuar agus a dh'èireas an t-èadhar fuar os a chionn. Bidh aghaidh bhlàth a' toirt thugainn uisge a mhaireas greis.
Aghaidh fhuar
'S e an aghaidh fhuar an ath aghaidh a thig thairis. Bidh sin a' tachairt nuair a choinnicheas èadhar fuar ri èadhar blàth. Bidh èadhar fuar a' putadh èadhar blàth suas. Bidh aghaidhean fuar a' toirt thugainn frasan trom de dh'uisge.
Aghaidh dhùinte
Nuair a bheireas an aghaidh fhuar air an aghaidh bhlàth, bidh aghaidh dhùinte ann. Bidh aghaidh dhùinte a' toirt thugainn dòrtadh obann de dh'uisge mòr.
Tha na trì aghaidhean co-cheangailte ri uisge.
Coimhead a' bhidio a leanas airson aghaidhean sìde a thuigsinn.
Uisge
Comharran ìsleachaidh
Far a bheil na loidhneachan-bruthaidh uabhasach faisg air a chèile, 's ann an sin as motha a bhios a' ghaoth. Tha sin air sgàth atharrachadh luath ann am bruthadh èadhair.
- Gaoth - bidh gaothan a' sèideadh tuathal ann an ìsleachadh agus bidh a' ghaoth a' sèideadh air slighe nan loidhneachan-bruthaidh. Obraichidh tu a-mach an àird bho bheil a' ghaoth le bhith a' leantainn nan loidhneachan-bruthaidh agus a' dol tuathal.
- Fliuch - far an coinnich èadhar blàth ri èadhar fuar, bidh an èadhar blàth air a phutadh suas agus bidh e a' fuarachadh, a' co-dhlùthachadh agus a' sileadh (mar as trice na uisge). Cuimhnich gur e bann de sgòthan a th' ann an aghaidh agus bidh sgòthan a' dèanamh uisge.
- Teòthachd - san fharsaingeachd, bidh an earrann bhlàth air cùl na h-aghaidh bhlàth a' toirt dhuinn teòthachd nas blàithe. San fharsaingeachd, bidh an earrann fhuar air cùl na h-aghaidh a' toirt dhuinn teòthachd nas fhionnaire.
Nuair a bhios ìsleachadh a' dol seachad, tachraidh na h-atharrachaidhean a leanas:
Faodaidh tu an clàr gu h-ìosal a chleachdadh airson cunntas a thoirt air na h-atharrachaidhean nuair a bhios ìsleachadh a' dol seachad.
| Comharran | 5 (Crìoch) | 4 (Aghaidh fhuar) | 3 | 2 (Aghaidh bhlàth) | 1 (Toiseach) |
| Còmhdach sgòtha agus seòrsa | Briste. Breac a' mhuiltein (Cumulus) | Sgòth àrd/throm Cumulo-nimbus | Stratus sgaoilte | Ìosal agus tiugh | Cirrus àrd, srianagach |
| Bruthadh | A' dol am meud | Fhathast ìosal | An ìre as ìsle | A' lùghdachadh | Àrd |
| Teòthachd | Fionnar | Blàth | Blàth | Fionnar | Fionnar |
| Uisge | Frasan | Trom | Tioram sa mhòr-chuid | Smugraich uisge | Tioram |
| Comharran | Còmhdach sgòtha agus seòrsa |
|---|---|
| 5 (Crìoch) | Briste. Breac a' mhuiltein (Cumulus) |
| 4 (Aghaidh fhuar) | Sgòth àrd/throm Cumulo-nimbus |
| 3 | Stratus sgaoilte |
| 2 (Aghaidh bhlàth) | Ìosal agus tiugh |
| 1 (Toiseach) | Cirrus àrd, srianagach |
| Comharran | Bruthadh |
|---|---|
| 5 (Crìoch) | A' dol am meud |
| 4 (Aghaidh fhuar) | Fhathast ìosal |
| 3 | An ìre as ìsle |
| 2 (Aghaidh bhlàth) | A' lùghdachadh |
| 1 (Toiseach) | Àrd |
| Comharran | Teòthachd |
|---|---|
| 5 (Crìoch) | Fionnar |
| 4 (Aghaidh fhuar) | Blàth |
| 3 | Blàth |
| 2 (Aghaidh bhlàth) | Fionnar |
| 1 (Toiseach) | Fionnar |
| Comharran | Uisge |
|---|---|
| 5 (Crìoch) | Frasan |
| 4 (Aghaidh fhuar) | Trom |
| 3 | Tioram sa mhòr-chuid |
| 2 (Aghaidh bhlàth) | Smugraich uisge |
| 1 (Toiseach) | Tioram |