An Cogadh Anglo-Frangach agus An Cùmhnant Franco-Albannach
An Cogadh Anglo-Frangach
Ann an 1294, bha Eideard I a' dèanamh deiseil airson a dhol a chogadh ris an Fhraing. Bha a' chòir aig Eideard iarraidh air na h-uaislean aige gu lèir a dhol còmhla ris, no co-dhiù gun cuireadh iad saighdearan dhan arm aige. Ann am beachd Eideird, bha an Rìgh Iain mar fhear dhe na h-uaislean aige. Chaidh a ràdh ris an Rìgh Iain gum feumadh e fhèin agus Albannaich eile a dhol a shabaid. Bha duilgheadas an sin do dh'Alba.
- Bha uaislean Alba dhen bheachd gun robh Alba na dùthaich neo-eisimeileach, agus nach b' ann mar phàirt de Shasainn – bha sin a' ciallachadh nach robh càil a chòir aig Eideard I iarraidh air Albannaich sabaid air a shon.
- Dhiùlt uaislean Alba gabhail ris a' bheachd gum bu chòir dhan rìgh aca sabaid do Shasainn.
- Bhiodh e daor – chosgadh e do dh'uaislean Alba ann an cìsean agus ann an saighdearan.
- Bha ceanglaichean malairt làidir aig Alba ris an Fhraing agus cha robh iad airson sabaid ris na compàirtichean malairt aca.
An Cùmhnant Franco-Albannach
Cha robh uaislean Alba toilichte mu iarrtasan Eideird I, no mun rìgh aca, an Rìgh Iain, agus thug sin orra rudeigin a dhèanamh ann an 1295. Chaidh buidheann ùr de dhusan Urrasair na Rìoghachd a chruthachadh airson rudeigin a dhèanamh, agus iad dhen bheachd nach dèanadh an Rìgh Iain dad.
Chuir na h-Urrasairean teachdairean à Alba dhan Fhraing airson bruidhinn mu dheidhinn mar a dhèiligeadh iad ri Eideard I. Sa Ghearran 1296, chaidh caidreachas armailteach agus dioplomataigeach aontachadh eadar Alba agus an Fhraing. Chaidh cùmhnant a shoidhnigeadh ris an cante an Seann Caidreachas no Auld Alliance. Thuirt an cùmhnant, nan deigheadh ionnsaigh a thoirt air an Fhraing, gun tigeadh feachdan à Alba gan cuideachadh. Dhèanadh an Fhraing an aon rud nan tachradh a leithid do dh'Alba.