Saor-làithean ann am Barcelona
Read Saor-làithean ann am Barcelona. It is an example of a piece of writing created using a writing plan. If you need to you can use the vocabulary list to help with unfamiliar words.

Saor-làithean ann am Barcelona
An-uiridh aig saor-làithean an t-samhraidh, chaidh mi gu Barcelona airson cola-deug. Tha Barcelona ann an sgìre Chatalonia dhen Spàinn. Tha e air costa an ear na dùthcha, faisg air An Fhraing. Chaidh mi ann còmhla ri mo theaghlach - mo mhàthair, m' athar agus mo bhràthar, Iain.
Dh'fhàg sinn bho phort-adhair Ghlaschu aig trì uairean sa mhadainn – abair thusa gu robh mi cho sgìth ri cù. Bha an turas ceart gu leòr, bha mi a' leughadh irisean agus ag èisteachd ri ceòl. Ràinig sinn Barcelona mu shia uairean sa mhadainn. Bhuail am blàths m' aodann cho luath 's a thàinig mi far a' phlèan – sgoinneil.
Fhuair sinn trèan chun taigh-òsta. Bha an taigh-òsta mòr agus glè spaideil, le amar-snàmh mòr sa ghàrradh. Bha mise a' cadal anns an aon sheòmar ri mo bhràthair. Bha an seòmar againn cofhurtail agus bhon uinneag bha sealladh àlainn de thràigh gheal, muir ghorm shocair agus beanntan àrda.
'S e baile air leth inntinneach a tha ann am Barcelona agus tha mòran ri dhèanamh ann. Tha an t-sràid ainmeil La Rambla làn de chafaidhean 's de thaighean-bìdh sgoinneil. 'S e tapas a th' air greimeagan bìdh a bhios iad ag ithe san Spàinn, ach gheibh thu biadh de gach seòrsa. Aon fheasgar chaidh sinn gu taigh-bìdh annasach, bha giomaich agus maorach eile aca beò ann an tanca. Is fìor thoigh leam biadh na mara agus dh'fheuch mi iomadh diofar seòrsa maorach blasta. Dh'ith mi iasg amh cuideachd – cha do chòrd sin rium idir ge-tà.
Chunnaic mi an togalach ainmeil La Sagrada Familia. Tha iad air a bhith a' togail La Sagrada Familia airson còrr air ceud bliadhna agus chan eil e fhathast deiseil. Bidh cha mhòr 2.8 millean neach a' tadhal air La Sagrada Familia gach bliadhna. 'S e togalach eireachdail agus annasach a tha ann.
Chaidh mi gu lann-cluiche bhuill-coise sgioba Barcelona. Bha e sgoinneil! Tha muinntir Bharcelona gu math measail air ball-coise agus tha an sgioba aca uabhasach math. Tha cluicheadairean sgileil a' cluich anns an sgioba seo.
Air an latha mu dheireadh, chaidh sinn air turas-bàta gu eilean beag faisg air costa an ear na Spàinn. Bha am bàta mòr agus snog – agus luath! Chaidh sinn air tìr air eilean beag, far nach eil duine a' fuireach. Shuidh sinn air an tràigh a' gabhail na grèine. Chunnaic mi leumadairean-mara agus èisg bheaga dathach anns an uisge. Fhuair sinn biadh air bòrd a' bhàta – iasg agus sailead – abair gu robh e blasta. Cha robh cur na mara idir orm ach bha air mo mhàthair. Cha toigh leatha a bhith a' seòladh seach gum bi cur na mara oirre an-còmhnaidh.
Chòrd Barcelona rium gum mòr. Bha tòrr ri dhèanamh agus ri fhaicinn ann. Tha an t-sìde cus nas teotha na tha i ann an Alba. Tha mi ag iarraidh tilleadh ann an ath bhliadhna ach tha mi ag iarraidh fuireach ann nas fhaide na cola-deug.