CruinneachadhÀireamh shònraichte de dh'ionadan deicheach

Bidh iomadh obrachadh a' toirt dhut freagairt nas mionaidiche na dh'fheumas tu. Feumaidh tu an uair sin na freagairtean a chruinneachadh chun na h-ìre de mhionaideachd a tha a dhìth ort.

Part ofMatamataigÀireamhachd

A' cruinneachadh gu àireamh shònraichte de ionadan deicheach

Ann an iomadh obrachadh bidh dùil gun cruinnich thu gu àireamh shònraichte de ionadan deicheach.

Eisimpleir

Cruinnich \(3.168\) gu ionad deicheach.

Tha \(3.168\) ceart gu trì ionadan deicheach bhon a tha trì figearan an dèidh na puing dheichich.

Mas e còig no nas motha a tha san àireimh aig an ath ionad dheicheach, cuir 1 ris a' phuing dheichich roimhe.

Ann an \(3.168\) 's e còig no nas motha a th' aig an treas puing dheichich.

Mar sin, ann an \(3.168\) cruinnichidh sinn suas gu \(3.17\) (gu dà ionad dheicheach).

Feuch a-nis na ceistean seo.

Question

Cruinnich \(17.839\) gu aon ionad deicheach.

Question

Sgrìobh \(\frac{9}{{13}}\) mar dheichead gu 3 ionadan deicheach.

Question

Obraich a-mach \(\sqrt {8.9}\) mar dheichead gu 1 ionad deicheach.