Bhòtadh ann an taghadh na RABuannachdan agus eas-bhuannachdan Àireamh Bhòtaichean as Motha

Tha BP air an taghadh do Thaigh nan Cumantan a' cleachdadh siostam bhòtaidh ris an canar siostam Àireamh Bhòtaichean as motha.

Part ofNuadh-eòlasAn Rìoghachd Aonaichte

Buannachdan agus eas-bhuannachdan Àireamh Bhòtaichean as Motha

Bogsa-baileit
Figure caption,
Bogsa-baileit (Finnbarr Webster / Alamy Stock Photo)

Tha buannachdan agus eas-bhuannachdan an lùib siostam bhòtaidh sam bith, an Siostam Àireamh Bhòtaichean as Motha nam measg.

Dè na buannachdan a tha an lùib siostam Àireamh Bhòtaichean as motha?

  • Dàimh làidir eadar BP is Roinn-phàrlamaid: Bidh aon riochdaire air a thaghadh airson gach roinn-phàrlamaid, agus 's àbhaist mar sin gum bi dàimh làidir eadar am BP agus an Roinn-phàrlamaid. Cuideachd, mura toigh le daoine am BP aca, faodaidh iad bhòtadh gus faighinn cuidhteas e/i.
  • Riaghaltas làidir le aon phartaidh: 'S àbhaist gum buannaich aon phartaidh an taghadh. Tha sin a' ciallachadh gu bheil còig bliadhna aig a' phartaidh a bhuannaich airson na planaichean aca a chur an gnìomh (mar a bhios sa mhanifesto).
  • Furasta: Tha an siostam furasta a thuigsinn is tha sinn eòlach air. Fhuair luchd-bhòtaidh an cothrom o chionn beagan bhliadhnaichean cur às do FPTP ann an taghaidhean pàrlamaid na RA, ach roghnaich iad a chumail.

Dè na h-eas-bhuannachdan a tha an lùib siostam Àireamh Bhòtaichean as motha?

  • Beag-chuid na bhòt: Sa mhòr-chuid de roinnean-pàrlamaid, bidh barrachd dhaoine (gu h-iomlan) a' bhòtadh an aghaidh an tagraiche a bhuannaicheas na bhòtas dhaibh. Uaireannan, 's dòcha gun tèid BP a thaghadh le àireamh bhòtaichean cho beag ri 35%, beag-chuid, den bhòt.
  • Cha bhi partaidhean nas lugha a' faighinn riochdachadh cothromach: Ann an 2015, fhuair UKIP 12.6% dhen bhòt ach cha d' fhuair iad ach aon BP. Ann an 2019, fhuair am Partaidh Làbarach 18% dhen bhòt ann an Alba, ach dìreach aon BP. Ach fhuair na Libearailich Dheamocratach 9.5% dhen bhòt agus ceithir BP.
  • Bhòtadh innleachdach: Bidh cuid ag ràdh gu bheil FPTP ag adhbharachadh bhòtadh innleachdach (no daoine nach bodraig bhòtadh) oir chan eil iad den bheachd gun toir a' bhòt aca cothrom dhan tagraiche aca buannachadh.

More guides on this topic