Astar, luaths agus ùineAonadan

Thèid againn air ceistean mu astar, luaths agus ùine obrachadh a-mach le foirmlean. Nuair a bhios tu gan dèanamh seo, bu chòir dhut a bhith cunbhalach leis na h-aonadan.

Part ofMatamataigÀireamhachd

Aonadan

Tha e cudromach gun cleachd thu na h-aon aonadan anns na h-obrachaidhean seo.

Ma tha an t-astar ann an cileameatairean agus an ùine ann an uairean a thìde, bu chòir tomhas luaths a bhith ann an cileameatairean san uair. Tha seo air a sgrìobhadh mar \(km/u\).

Chì thu san ath cheist mar a dh'fheumas tu a bhith faiceallach le aonadan.

Question

Bha Kelly a' ruith bho \(4.50\,f\) gu \(5.20\,f\) aig luaths cunbhalach de \(7\,km/u\).

Dè an t-astar a chaidh i?