Raibeart BrusCòmhstri ri na bha na aghaidh ann an Alba

Bha Raibeart Brus ag iarraidh neo-eisimeileachd is crùn Alba. Nuair a thug e buaidh air Sasainn, chuidich sin le Glaodach Obar Bhrothaig is Cùmhnant Dhùn Èideann-Northampton.

Part ofEachdraidhCogaidhean na Saorsa

Strì Raibeirt agus buaidh air na bha na aghaidh ann an Alba

Murt Chuimein

Bha Brus agus Iain Cuimein, a chleachd a bhith na Urrasair, air a bhith a' smaoineachadh air mar a bu chòir Alba a riaghladh greis mus do choinnich iad ann an Eaglais nam Manach Liath, ann an Dùn Fris, air 10 Gearran 1306. Chan eil luchd-eachdraidh cinnteach dè dìreach a thachair aig a' choinneimh.

  • Choinnich an dithis uaislean mar fharpaisich agus cha bhiodh cùisean air a bhith uabhasach rèidh.
  • Bha eas-aonta air choireigin ann agus nuair a dh'fhàg am Brusach an eaglais, bha Cuimein air a leòn.
  • Tha cuid de chunntasan ag ràdh gun deach companach Bhrus, Kirkpatrick, air ais dhan eaglais airson a bhith cinnteach gun robh an Cuimein marbh.
  • Tha cunntasan eile ag ràdh gur e am Brusach fhèin a mharbh an Cuimein.
  • Bha Brus air duine a mharbhadh ann an àite naomh. Bha sin a' ciallachadh gun robh e ciontach de naomh-eucoir, sin eucoir an aghaidh na h-eaglais.
  • Mar thoradh air an eucoir sin, chaill Brus an cead comanachaidh. Chuir Am Pàp a-mach às an eaglais Chrìosdail e.
Gràbhaladh de mhurt Iain Chuimein
Image caption,
Gràbhaladh de mhurt Iain Chuimein

Crùnadh Bhrus

Bha taic fhathast aig Brus bho Easbaig Wishart ann an Glaschu. Thug e maitheanas do Bhrus airson na h-eucoir a rinn e agus chuidich e leis a' chrùnadh.

  • Chaidh Brus a chrùnadh mar rìgh air Alba air 25 Màrt 1306.
  • Chaidh a chrùnadh ann an Sgàin, am baile anns am biodh rìghrean Alba gan crùnadh.
  • Cha robh ach beagan dhen luchd-taic aige an làthair agus b' i Ban-Iarla Bhuchan a bha os cionn chùisean.
  • Chaidh an crùnadh air adhart às aonais Lia Fàil agus Seudan Crùn Alba, a thug Eideard leis a Shasainn ann an 1296.
Crùnadh Raibeirt I, snaigheadh a' sealltainn a' chrùn gus a dhol air a cheann
Image caption,
Crùnadh Raibeirt I, snaigheadh a' sealltainn a' chrùn gus a dhol air a cheann

Call

Cha robh mòran taic aig Brus, agus bha mòran dhen bheachd gun cuireadh iad às dha mar rìgh. Chaidh grunn nithean na aghaidh sa chiad mhìosan a bha e na rìgh.

  • Aig Coille Mheithinnidh san t-Ògmhios 1306, chaidh Brus a chur fodha le Armailt Shasannach agus chaidh mòran a mharbhadh.
  • Aig Dail Ruighe san t-Iuchar 1306, cha mhòr nach deach na bh' air fhàgail de luchd-taic Bhrus a mharbhadh leis an fhear-uasal Albannach, Iain MacDhùghaill (a bha a' toirt taic do Iain Cuimein).
  • As t-Foghar, 1306, chaidh a bhràthair, Niall Brus, a dhi-cheannadh. Chaidh a bhean, a pheathraichean agus a nighean a chur fo ghrèim san taigh aca. Chaidh aon phiuthar agus Ban-Iarla Bhuchan a chur ann an cèidsichean sa phrìosan.

Mun àm seo dhen riaghladh aige, bha Brus, a bha air teiche bho thìr-mòr Alba, air am far-ainm King Hob fhaighinn – cha robh e na rìgh air duine sam bith. Chan eil fhios le cinnt càit an deach e, ged a tha teansa math gun do chuir e an geamhradh seachad air eilean far a' chosta an iar.