BailteilEisimpleirean de cheistean

Tha sònaichean cleachdadh-fearainn, le comharran aithnichte a chaidh an ath-leasachadh, sna mòr-bhailtean leasaichte. Feumaidh na mòr-bhailtean fo leasachadh dèiligeadh ri cùisean nan sgìrean bochda.

Part ofCruinn-eòlasÀrainneachdan daonna

Eisimpleirean de cheistean

Thoir sùil air na ceistean seo.

Modailean bhailteil
Figure caption,
Modail bailteil Burgess
Am baile a-staigh
Figure caption,
Modail bailteil Hoyt

Question

Thathar dhen bheachd gu bheil an dà mhodail bailteil seo cumanta mar structar bhailtean agus mhòr-bhailtean san Rìoghachd Aonaichte (RA) eadar 1850-1950.

Coimhead air modail A (Burgess)

  • a. Thoir iomradh air suidheachadh gach seòrsa cleachdadh fearainn.
  • b. Thoir aon adhbhar a mhìnicheas carson a tha gach seòrsa air a shuidheachadh an sin.

Modail bailteil A - Burgess

Seo modail bailteil sìmplidh agus furasta a chuimhneachadh. Mar a tha am mòr-bhaile a' fàs, tha togalaichean ùra gan togail nas fhaide air falbh on mheadhan.

  • Sòn 1 - Tha gnothachas air a thàladh gu meadhan a' bhaile airson gum bi e furasta faighinn thuige. Tha prìsean àrd air sgàth farpais airson àite.
  • Sòn 2 - Thàinig gnìomhachas air adhart san RA san naoidheamh linn deug, agus chaidh factaraidhean a thogail timcheall air a' PhSG. Chaidh taighean a thogail faisg air na factaraidhean dhan luchd-obrach.
  • Sòn 3 - Ghluais daoine an uair sin na b' fhaide a-mach do sgìrean còmhnaidh ùr seach gun robh còmhdhail air fàs math.
  • Sòn 4 and 5 - An-diugh 's fheàrr le mòran dhaoine an rùm agus an àrainneachd nas glaine air iomall a' bhaile, agus bidh mòran a' siubhal a dh'obair no ag obair air làraich ùra (raon-uaine) a-mach às a' bhaile.

Question

Coimhead air modail B (Hoyt)

  • a. Thoir cunntas air na prìomh eadar-dhealachaidhean eadar modail B agus modail A.
  • b. Thoir dà adhbhar a mhìnicheas na h-eadar-dhealachaidhean.

Modail bailteil B - Hoyt

Tha Modail B air leasachadh bho na cearcaill shìmplidh, cho-mheadhanach ann am modail A. Tha a-nis earrannan no roinnean de chleachdadh fearainn ann. Tha structaran coltach ris an seo ann an iomadh mòr-bhaile san RA.

  • Tha am modail seo a' toirt fa-near nam feartan fiosaigeach mar aibhnichean no ceanglaichean còmhdhail mar rathaidean. (Sònaichean 2, 3 agus 5b)
  • Dh'fhaodadh gun do thòisich gnìomhachas ann an roinn air sgàth deagh cheangal còmhdhail, ga chuideachadh a' faighinn bathar a-mach 's a-steach. (Sòn 2, me ri taobh Abhainn Chluaidh ann an Glaschu).
  • Dh'fhaodadh gun deach taighean ùra a thogail air sgàth rathad ùr a bhith ga cheangal ris a' chòrr dhen bhaile.

More guides on this topic