Chuidich ro-innleachd ghleusta feachd beag Albannach, le Uilleam Ualas agus Anndra Moireach os a cionn, gus feachd Shasannach a bha gu math na bu mhotha a chur fodha ann an Sruighlea air 11 Sultain, 1297.
Faigh a-mach mu Bhlàr Drochaid Shruighlea.
Ciamar a rinn Uilleam Ualas a' chùis air feachd Shasainn aig Drochaid Shruighlea?
Bha feachd Shasainn gu math na bu mhotha na bha feachd na h-Alba, mar sin dh'fheumadh Ualas agus ceannard eile nam feachdan Albannach Anndra Moireach a bhith nas gleusta.
Bha an dà fheachd air gach taobh de dh'Abhainn Fhoirthe. Cha robh dòigh a gheibheadh na Sasannaich gu na h-Albannaich ach le dhol tarsainn drochaid chumhang fhiodha. Bha na h-Albannaich a' feitheamh air an taobh eile.
Mar a chleachd Ualas agus Moireach an talamh
- Leig iad le pàirt de dh'fheachd Shasainn a dhol tarsainn na drochaid agus thug iad ionnsaigh an uair sin
- Ghlac iad saighdearan Shasainn ann an lùb na h-aibhne
- Chan fhaigheadh an còrr de dh'fheachd Shasainn tarsainn na drochaid airson an cuideachadh
- Bha uiread a dhaoine air an drochaid 's nach faigheadh na saighdearan Sasannach air teiche a-null
Blàr Drochaid Shruighlea: Prìomh cheumannan

Image caption, Abhainn Fhoirthe
Bha feachdan Shasainn agus feachdan na h-Alba air gach taobh de dh'Abhainn Fhoirthe. Dh'fheumadh ridirean Shasainn a dhol tarsainn drochaid chumhang fhiodha airson faighinn gu na h-Albannaich.
1 of 5

Dè thachair an dèidh a' bhlàir?
B' e buaidh iongantach a bh' anns a' bhlàr ach bha cosgais na lùib.
Chaidh Anndra Moireach, co-cheannard Ualas air feachd na h-Alba, a dhroch leòn sa bhlàr agus chaochail e goirid an dèidh sin.
Bha Rìgh Eideard I feargach gun do chaill e. Ghabh e smachd pearsanta air feachd Sasannach agus mheàrrs e gu tuath airson Ualas a lorg agus buaidh fhaighinn air.
An ath bhliadhna, choinnicheadh Ualas agus Eideard aig Blàr na h-Eaglaise Brice.

More on Daoine, tachartasan agus coimhearsnachdan san àm a dh'fhalbh
Find out more by working through a topic
- count26 of 28

- count27 of 28

- count28 of 28

- count1 of 28




