Rugadh Mairead Challan ann an 1967, nighean le Euna NicAmhlaigh, Euna Westford mar a b' fheàrr a dh'aithnichear i an Uibhist a Tuath, agus Iain MacEanraig a thogadh san Eaglais Bhreac. Chaidh Mairead agus a piuthar a thogail ann an Uibhist a Tuath, eadar Cladach Chiorcabost agus Càirinis.
Chaidh Mairead don bhun-sgoil ann an Càirinis. Thug i an uair sin ceithir bliadhna ann an Sgoil Phaibil agus dà bhliadhna ann an Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh mus deach i a dhèanamh lagh ann an Oilthigh Ghlaschu ann an 1985. Nuair a chrìochnaich i san Oilthigh ann an 1990 le LLB (Hons) agus DipLP, bha i ag obair mar neach-lagha ann an sgìre Ghlaschu.
Tha Mairead pòsta le triùir chloinne agus an-diugh tha a dachaigh ann an Lannraig a Tuath.
Choisinn Mairead am Bonn Òr airson seinn san t-Seann Nòs ann an 1994, aig Mòd Dhùn Omhain, agus tha i air dà chlàr, Faileasan Uibhist agus An Lorg nam Bàrd, fhoillseachadh on uair sin.
Cheumnaich i bho Oilthigh Dhùn Èideann le MPhil ann an 2008. Sgrìobh i a tràchdas Sealladh air Leantalachd Beul-Aithris Uibhist a Tuath ann an Gàidhlig. Tha i an-dràsta a' cur crioch air leabhar a tha stèidhte air an tràchdas sin agus thèid fhoillseachadh le Clò Ollscoil na Banriona anns an t-sreath leabhraichean Belfast Studies in Language, Culture & Politics.
Eadar 2008-09 bha Mairead na Artist in Residence ann an Roinn na Ceiltis agus ann an Sgoil Eòlais na h-Alba ann an Oilthigh Dhùn Èideann, agus tha i cuideachd na h-òraidaiche air aoidheachd aig Oilthigh Dhùn Èideann a' teagasg Òrain Ghàidhlig, cleachdaidhean a tha an cois seinn nan òran agus a leithid do na h-oileanaich.
'S e pìobaire a th' ann am Mairead cuideachd agus ged a bha i a' seinn anns an sgoil agus aig ceilidhean sa choimhearsnachd nuair a bha i òg, 's ann ann am pìobaireachd bu mhotha a bha ùidh aice aig an àm. Choisinn i am Fincastle Star aig geamannan Uibhist a Deas.
Ach a dh'aindeoin a h-ùidh ann am pìobaireachd bha i a' togail òrain cha mhòr gun fhiost' dhith le bhith ag èisteachd, anns an sgoil, aig ceilidhean coimhearsnachd, anns an dachaigh aca fhèin agus ann an dachaigh a seanair 's a seanmhar, Ruairidh agus Margaret Westford, ri leithid Ùisdean MacMhathain (Ùisdean Sheumais), Isa Nic'ilip, Neilidh Fearghasdan agus a' bhean Ceit Anna, Raghnall Iain Dòmhnallach, Aonghas Dòmhnallach (Aonghas a' Phost Oifis), Mòrag NicNeacail, Alasdair na Càrnaich agus Catrìona Garbutt.
Bhon uair sin tha i air mòran òrain ionnsachadh bho a caraid Iseabail T. NicDhòmhnaill agus bho chlàran Sgoil Eòlais na h-Alba. Tha i air stiùireadh fhaighinn bho Mhòrag NicLeòid agus bho Cheana Chaimbeul.
Tha Mairead cuideachd na ball den chòmhlan Bannal.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.