Rugadh Aonghas Dòmhnallach, Aonghas a' Phost Oifis, ann an Taigh a' Gheàrraidh air 20 Dùbhlachd, 1940. B' e Dòmhnall Iain Dhòmhnaill athair agus Raghnaid a' Ghlìob a mhàthair agus bha iad le chèile à Hòigearraidh. Bha triùir pheathraichean aige, Sìneag, Agnes agus Ciorstag, a chaochail aig aois trì bliadhna deug, agus aon bhràthair, Dòmhnall, a chaochail sa Mhàrt, 2010.
Chaidh Aonghas a' Phost Oifis, mar as fheàrr a dh'aithnichear e, do Bhun-sgoil Thaigh a' Gheàrraidh agus an dèidh sin do Sgoil Phaibil.
A bharrachd air a bhith ri obair fearainn fad a bheatha thug e greis ag obair na phost, agus bha e a' cuideachadh le ruith Oifig a' Phuist mus do ghabh e thairis e bho mhàthair ann an 1981. Dhùin Oifig a' Phuist anns an Iuchair, 2008, an dèidh dha bhith air a ruith le teaghlaich Aonghais fad ceithir fichead bliadhna.
Tha Aonghas air a bhith a' fuireach ann an Uibhist a Tuath fad a bheatha agus tha ùidh mhòr aige anns an eilean agus ann am bàrdachd agus òrain an àite. Tha ùidh aige gu sònraichte ann am bàrdachd Aonghas MacIllFhaolain, Aonghas Lachlainn, co-ogha dha mhàthair. Chuir Aonghas am fonn air 'Eilean Uibhist mo Rùin', fear de dh'òrain Aonghais Lachlainn, a tha gu bitheanta air a sheinn le seinneadairean seann-nòis na sgìre. Tha Julie Fowlis air tè dhuibh sin agus bha Aonghas am measg an fheadhain bhon d' fhuair Julie òrain, cuideachadh agus brosnachadh nuair a bha i a' tòiseachadh air òrain ionnsachadh.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.