Brìgh nam Facal
Tagh na facail a th' air an comharrachadh airson mìneachadh fhaighinn
Blàr Thràigh Ghruinneaird
- An latha mu dheireadh den t-samhradh,
- Là as fad' air am bi iomradh,
- Aig sgaranaich nan tràth, san ear,
- Thàinig freiceadan a dhùisg na fir,
- Ag innse gu robh Sìol Chuinn a' gluasad
- Fom bratach shean don ainm a' Bhuadhach,
- Làmh dheas fineachan na h-Alba,
- Ris an duirt an saoghal 'Am Feachd Gailbheach',
- A' toirt dùbhlan le pìob a' Ghruamaich,
- Rabhadh nach d' fhuaireadh riamh gun strìochdadh
- Do fhine na Làimh Dheirg 's chrann-fhìge.
- Lachlann Mòr
- "Fhuair iad an-diugh gaoth is grian leo,
- Dà chothrom do nàimhdean nach iarrainn;
- Tha tuilleadh a' tighinn na shaoil mi,
- Fir Arainn na Learga 's na trì Raghnaill
- Lem muinntir ri tuinn na tràgha,
- A thachairt oirbhse, a laochaibh Àrois;
- 'S dian spòltadh a ghleidheas bhur cliù dhuibh;
- Chan fhacas fhathast am blàr bhur cùlaibh."
- Ghluais Leathanaich chatharra Mhuile
- Mar a dh'iarradh aon is uile;
- Sgaoileadh bratach Dhubhaird le reultan sìoda,
- 'S le iolach clèibh nan ceudan dìleas
- A b' urram Rìgh air ceann armailt,
- Seòid MhicIlleathain fon armaibh.
- Sgaoileadh bratach ghorm Thòrr Loisgte,
- Ris nach do thachair riamh na choisg i,
- Air an làimh dheis len ceann-feadhna,
- Nach robh san Eòrpa ri fhaotainn
- Fear a thòimhseadh o chrùn gu bhròig ris;
- Thuirteadh seo mun tugadh dhòmhs' e.
- Bha àirde thar feachd na h-Alba,
- Mar chiad Mhac Mòrachd nan Eabhrach,
- 'S os cionn na dh'èirich leis on Dreòlainn,
- Chìte guailnean garbh a chòmhlain
- Am measg nan ceudan taght' a bha dhiubh,
- 'S cha do shèid gaoth air fir a b' àille;
- Cha robh an tìr mòr no 'n eilean Mhuile
- Fear coimeis do Lachlann Dhubhaird.
- O Sgrios, nach taisg thu claidheamh bàsmhor
- Treubh àrdanach bratach an leòmhainn,
- Mun tig na gallain ud fo fhaobhar,
- 'S gun cluinnear caointeach nach beò iad,
- Mun do shèideadh caismeachd a' bhualaidh!
- Dhlùthaich a-nis an dà fheachd am fraoch catha,
- Pìobaireachd a' toirt fuaim còmhraig às an talamh,
- Gach beul tostach mar gun trèigeadh cainnt iad,
- Gach aon a' feitheamh a nàmhaid a thoirt gun taing dha;
- Tonnan gun smal na fairge on chuan fharsaing
- A' taomadh 's a' monmhar aig an casan,
- 'S mar gum b' ann a' caoidh ri bhith toirt fianais
- Air gearraidh nan leòn nach lèighseadh,
- Nuair a thogadh iolach bàis le feachd Sheumais.
- Fhreagair na Muilich le àrd mhisneach;
- Cha robh air talamh feachd nach clisgeadh
- Ri gàir nan Leathanach a' bualadh
- Ach am bràithrean neartmhor uaibhreach.
- O Albainn, caoidh do mhic a' tuiteam le neart nan gàirdean
- A bu treise dh'fhàs san t-saoghal,
- 'S nach robh rim faotainn ach an talamh nan Gàidheal!
- Caochain fhola gach taobh a' srùthladh
- Air feur ùrail a' chòmhnaird uaine.
- Fuaimneach lannan stioc nach lùbadh
- A' dol am meud 's am meud
- Air fad 's air leud lèan' an uabhais;
- Buaidh air meidh chothromachgun aomadh
- Ri taobh seach taobh, grèim cruaidh na dòrainn,
- Gus an do thill na Leathanaich gun taing
- Làmh chlì Chlann Dhòmhnaill,
- A' gleac 's am buinn ri tuinn na tràgha,
- A bha san àit' ud mar bhalla dìon daibh,
- Tonnan sìorraidh cuan an t-sàile
- A ghlac laoich neartmhor Mhuile,
- 'S a dh'aindeoin na b' urrainn a teàrnadh,
- Chuir iad bratach an fhraoich bhàrr a chèitidh,
- A' fannachadh, 's an streup a-nis na h-àirde;
- Fras shradan dearg a' dìreadh mar bheul àmhainn,
- A' spreadhadh le cuthach lasrach gu h-ìosal thun a bràighe;
- Sruth nan caoirean loisgeach ud
- Garg-choimeas nan arm a' bualadh,
- No mar a thuigear a' ghoil theinnteach a dh'èirich uatha
- Nuair a bhrosnaich na h-Ìlich ris an nàmhaid
- A bu treise bhuail san linn ud no bha 'n làthair dhiubh,
- A-nis air fraoch an dùthchais an eu-dòchas,
- Cor nach cualas roimhe riamh an sgeul Chlann Dòmhnaill.
- Faic an caochan beag ud a' teàrnadh,
- A' taomadh a shruthan gu h-ìosal an uchd na tràgha,
- Faic sgitheag liath nan iomadh linn na lagan dìomhair,
- A bheir a-nis thu gu crìoch cùis nach taitneach innse.
- Faic aig a bun a' crùban
- Troich a ghuir an Diabhal san Lag an Diùraigh,
- Crannas na mìle mallachd le cuimse murtair;
- Chuir e dubh nan èibhleag air geug na dosgainn;
- Las i, 's bha 'm peilear nimh na shiubhal –
- Bhuail e MacIlleathain air bann an triubhais;
- Thug e oidhirp labhairt le crith bheulach;
- Dh'amhairc a chomhaltan na aodann 's e glas-neulach.
- Thuirt e mun do thuit e gun deò ann,
- "A chàirdean mo ghaoil, tha mi leònte;
- Cumaibh a-suas mi fon bhrataich;
- Ma mhaireas fèith lùith am chasan,
- Cho fada 's a chithear gur beò mi,
- Cha trèig an t-eagal MacDhòmhnaill."
- Ruith sgeul a' bhròin feadh ghaisgich Mhuile;
- Thog iad an guth 's cha b' ann gu tuireadh,
- Ach iolach a thug co-fhuaim on talamh –
- "Dìoladh, dìoladh, ler cruaidh-lannan."
Blàr Thràigh Ghruinneaird
Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.
