Fios Chun a' Bhàird
- Tha a' mhadainn soilleir grianach,
- 'S a' ghaoth 'n iar a ruith gu rèidh;
- Tha an linne sleamhainn sìochail
- On a chiùinich strì nan speur;
- Tha an long na h-èideadh sgiamhach,
- 'S cha chuir sgìths i dh'iarraidh tàmh;
- Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
- A' toirt an fhios seo chun a' Bhàird.
- Seo crùnadh mais' a' mhìos
- San tèid don dìthreabh treudan bhò,
- Do ghlinn nan lagan uaigneach
- Anns nach cuir 's nach buainear pòr;
- Leab-innse buar nan geum –
- Cha robh mo roinn diubh 'n-dè le càch;
- Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
- Thoir am fios seo chun a' Bhàird.
- Tha mìltean sprèidh air faichean
- 'S caoraich gheal' air creachainn fhraoich,
- 'S na fèidh air stùcan fàsail,
- Far nach truaillear làr na gaoith;
- An sìolach fiadhaich neartmhor
- Fliuch le dealt na h-oiteig thlàith;
- Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
- Thoir am fios seo chun a' Bhàird.
- Tha an còmhnard 's coirean garbhlaich,
- Còrs' na fairg' 's gach gràinseach rèidh,
- Le buaidhean blàths na h-iarmailt
- Mar a dh'iarramaid gu lèir;
- Tha 'n t-seamair fhiadhain 's neòinean
- Air na lòintean feòir fo bhlàth;
- Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
- Thoir am fios seo chun a' Bhàird.
- Na caochain fhìor-uisg' luath
- A' tighinn a-nuas o chùl nam màm
- Bho lochain ghlan' gun ruadhan
- Air na cruachan fad' on tràigh;
- Far an òl am fiadh a phailteas,
- 'S bòidheach ealtan lach gan snàmh;
- Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
- Thoir am fios seo chun a' Bhàird.
- Tha bogha mòr an t-sàile
- Mar a bha le reachd bith bhuan,
- A' mòrachd maise nàdair
- 'S a cheann-àrd ri tuinn a' chuain –
- A riomball geal seachd mìle,
- Gainmhean sìobt' o bheul an làin;
- Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
- Thoir am fios seo chun a' Bhàird.
- Na dùilean, stèidh na cruitheachd,
- Blàths is sruthan 's anail neul,
- Ag altram lusan ùrail
- Air an laigh an driùchd gu seimh
- Nuair a thuiteas sgàil na h-oidhche,
- Mar gum b' ann a' caoidh na bha;
- Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
- Thoir am fios seo chun a' Bhàird.
- Ged a roinneas gathan grèine
- Tlus nan speur ri blàth nan lòn,
- 'S ged a chithear sprèidh air àirigh
- Is buailtean làn de dh'àlach bhò,
- Tha Ìle an diugh gun daoine;
- Chuir a' chaor' a bailtean fas;
- Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
- Thoir am fios seo chun a' Bhàird.
- Ged thig ànrach aineoil
- Gus a' chaladh 's e sa cheò,
- Chan fhaic e soills' on chagailt
- Air a' chladach seo nas mò;
- Chuir gamhlas Ghall air fuadach
- Na tha bhuainn 's nach till gu bràth;
- Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
- Thoir am fios seo chun a' Bhàird.
- Ged a thogar feachd na h-Alb'
- As cliùiteach ainm air faich' an àir,
- Bithidh bratach fhraoich nan Ìleach
- Gun dol sìos ga dìon le càch;
- Sgap mìorun iad thar fairge,
- 'S gun ach ainmhidhean balbh nan àit';
- Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
- Thoir am fios seo chun a' Bhàird.
- Tha taighean seilbh na dh'fhàg sinn
- Feadh an fhuinn nan càrnan fuar;
- Dh'fhalbh 's cha till na Gàidheil;
- Stad an t-àiteach, cur is buain;
- Tha stèidh nan làrach tiamhaidh
- A' toirt fianais air 's ag ràdh,
- "Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
- Leig am fios seo chun a' Bhàird."
- Cha chluinnear luinneag òighean,
- Sèist nan òran air a' chlèith,
- 'S chan fhaicear seòid mar b' àbhaist
- A' cur bàir air faiche rèidh;
- Thug ainneart fògraidh uainn iad;
- 'S leis na coimhich buaidh mar 's àill;
- Leis na fhuair 's a chunnaic mise,
- Bhiodh am fios seo aig a' Bhàird.
- Chan fhaigh an dèirceach fasgadh
- No 'm fear-astair fois o sgìths,
- No soisgeulach luchd-èisteachd;
- Bhuadhaich eucoir, Goill is cìs;
- Tha an nathair bhreac na lùban
- Air na h-ùrlair far an d' fhàs
- Na fir mhòr' a chunnaic mise;
- Thoir am fios seo chun a' Bhàird.
- Lomadh ceàrn na h-Ò,
- An Lanndaidh bhòidheach 's Roinn MhicAoidh,
- Tha 'n Learga ghlacach ghrianach
- 'S fuidheall cianail air a taobh;
- Tha an Gleann na fhiadhair uaine
- Aig luchd-fuath gun tuath, gun bhàrr;
- Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
- Leig am fios seo chun a' Bhàird.
Fios Chun a' Bhàird
Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhàrdachd
