Brìgh nam Facal
Tagh na facail a th' air an comharrachadh airson mìneachadh fhaighinn
Nuair Bha Mi Òg
- Moch 's mi 'g èirigh air bheagan èislein
- Air madainn Chèitein 's mi ann an Òs,
- Bha sprèidh a' geumnaich an ceann a chèile,
- 'S a' ghrian ag èirigh air Leac an Stòrr;
- Bha gath a' boillsgeadh air slios nam beanntan,
- Cur tuar na h-oidhche na dheann fo sgòd,
- Is os mo chionn sheinn an uiseag ghreannmhor,
- Toirt na mo chuimhne nuair bha mi òg.
- Toirt na mo chuimhne le bròn is aoibhneas
- Nach fhaigh mi cainnt gus a chur air dòigh
- Gach car is tionndadh an corp 's an inntinn
- Bhon dh'fhàg mi 'n gleann 'n robh na suinn gun ghò;
- Bha sruth na h aibhne dol sìos cho tàimhidh,
- Is toirm nan allt freagairt cainnt mo bheòil,
- 'S an smeòrach bhinn suidhe seinn air meanglan,
- Toirt na mo chuimhne nuair bha mi òg.
- Nuair bha mi gòrach a' siubhal mòintich,
- 'S am fraoch a' stròiceadh mo chòta-bàn,
- Feadh thoman còinnich gun snàthainn a bhrògan,
- 'S an eigh na còsan air lochan tàimh;
- A' falbh an aonaich ag iarraidh chaorach
- 'S mi cheart cho aotrom ri naosg air lòn –
- Gach bota 's poll agus talamh-toll
- Toirt na mo chuimhne nuair bha mi òg.
- Toirt na mo chuimhn' iomadh nì a rinn mi,
- Nach faigh mi 'm bann gu ceann thall mo sgeòil –
- A' falbh sa gheamhradh gu luaidh is bainnsean
- Gun solas lainnteir ach ceann an fhòid;
- Bhiodh òigridh ghreannmhor ri ceòl is dannsa,
- Ach dh'fhalbh an t àm sin 's tha 'n gleann fo bhròn;
- Bha 'n tobht' aig Anndra 's e làn de dh'fheanntaig
- Toirt na mo chuimhne nuair bha mi òg.
- Nuair chuir mi cuairt air gach gleann is cruachan,
- Far 'n robh mi suaimhneach a' cuallach bhò
- Le òigridh ghuanach tha nis air fuadach,
- De shliochd na tuath bha gun uaill gun ghò -
- Na raoin 's na cluaintean fo fhraoch is luachair
- Far 'n tric na bhuaineadh leam sguab is dlò,
- 'S nam faicinn sluagh agus taighean suas annt',
- Gum fàsainn suaimhneach mar bha mi òg.
- An uair a dhìrich mi gual' an t-Sìthein,
- Gun leig mi sgìths dhìom air bruaich an loin;
- Bha buadhan m' inntinn a' triall le sìnteig,
- Is sùil mo chinn faicinn loinn gach pòir;
- Bha 'n t-sòbhrach mhìn-bhuidh' 's am beàrnan-brìghde,
- An cluaran rìoghail is lus an òir,
- 'S gach bileag aoibhneach fo bhraon na h-oidhche,
- Toirt na mo chuimhne nuair bha mi òg.
- Nuair chuir mi cùl ris an eilean chùbhraidh
- 'S a ghabh mi iùbhrach na smùid gun seòl,
- Nuair shèid i 'n dùdach 's a shìn an ùspairt,
- 'S a thog i cùrsa o Thìr a' Cheò,
- Mo chridhe brùite 's na deòir lem shùilean,
- A' falbh gu dùthaich gun sùrd, gun cheòl,
- Far nach faic mi cluaran no neòinean guanach
- No fraoch no luachair air bruaich no lòn.
Nuair Bha Mi Òg
Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.
