Eilean a' Cheò
- Ged tha mo cheann air liathadh
- Le deuchainnean is bròn,
- Is grian mo leth cheud bliadhna
- A' dol sìos fo na neòil,
- Tha m' aigne air a lìonadh
- Le iarrtas ro mhòr
- Gum faicinn Eilean Sgiathach
- Nan siantannan 's a' Cheò.
- Tha còrr 's dà fhichead bliadhna
- Bhon thriall mi às dham dheòin,
- 'S a chuir mi sìos mo lion
- Am meadhan baile mòir;
- Is ged a fhuair mi iasgair
- A lìon mo thaigh le stòr,
- Cha do dhìochuimhnich mi riamh
- Eilean Sgitheanach a' Cheò.
- Nuair chuimhnicheam an Cuilitheann
- 'S a thulchann ris na neòil,
- Glàmaig is Beinn Bhuirbh,
- Eilean Thuilm is Leac an Stòrr,
- Gun ruiginn Rubha Hùinis,
- Gach cnoc is cùil is fròg,
- 'S an taobh eile sealladh aoibhneach
- De Mhaighdeannan MhicLeòid.
- An tìr san robh na fiùrain
- 'S gach cùis a sheas an còir,
- Bha smior is neart nan dùirn,
- 'S cha b' e 'n sùgradh tighinn nan còir;
- 'S on rinneadh dhuinn an cunntas,
- Gu onair, cliù is glòir,
- Na dh'èirich fon a' Chrùn diubh
- À Eilean cùbhr' a' Cheò.
- Ma thèid mi dhuibh ga innse,
- Cha mhearachd brìgh mo sgeòil,
- Oir tha e air a sgrìobhadh
- Dhan linn sa bheil sinn beò:
- Bha còrr agus deich mìle
- Fon Rìgh a ghabh an t-òr
- Gu onair 's dìon ar rìoghachd
- À Eilean grinn a' Cheò.
- Chan eil mi dol a dhìteadh
- Aon tìr tha fo na neòil,
- Ach 's nàdarrach gun innsinn
- Mun tìr san robh mi òg;
- Measg nam pìobairean a b'fheàrr
- A chuir gaoth am màl gu ceòl,
- Chaidh ceud is fichead àrach dhiubh
- An Eilean àrd a' Cheò.
- Cò nach tugadh gnùis
- Agus cliù sna h-uile dòigh
- Do luchd nam breacan dùbh-ghorm,
- Nan lùirichean 's nan sròl?
- Oir cha robh leud a ghrunnd
- Air a chunntas san Roinn Eòrp'
- Thog uiread riamh a dhiùlnaich
- Ri Eilean cùbhr' a' Cheò.
- Cuir mo shoraidh bhàrr nan cuantan
- Gu Eilean uain' a' Cheò,
- Far am bi na fleasgaich uasal
- A' ruagadh damh nan cròc;
- 'S na mnathan-taighe guanach
- A' dèanamh uaill nan clò,
- 'S gur tric a ghabh mi duanag
- Ga luadh anns a' Ghleann Mhòr.
- Nuair thigeadh tùs an t-samhraidh,
- Cha ghanntar a bhiodh oirnn;
- Bhiodh pailteas bìdh is annlain
- Anns a' ghleann san robh na seòid;
- Bhiodh gruagaichean air àirigh,
- 'S an crodh len àl mun chrò,
- 'S a' dèanamh ime 's càise,
- An Eilean àrd a' Cheò.
- Nuair thigeadh tùs a' Mhàigh,
- Biodh gach iasgair 's ràmh na dhòrn,
- 'S na bàtaichean nam mìltean
- Ann an Loch Phort Rìgh fon seòl;
- Dol suas gu bun Loch Aoidhneart,
- 'S gach sonn a' seinn a' cheòil
- A rinn na bàird bu shaidhbhir
- A bha 'm beanntannan a' Cheò.
- Nuair thigeadh an Fhèill Màrtainn,
- 'S an sprèidh 's am bàrr air dòigh,
- Na fir a' dèanamh cainnteig,
- 'S na plataichean nan tòrr;
- Ri taobh na brìg bhuntàta
- Bhiodh baraill' làn de dh'fheòil –
- Siud mar chaidh ar n-àrach
- Ann an Eilean àrd a' Cheò.
- Ach cò aig a bheil cluasan,
- No crìdh' tha gluasad beò,
- Nach seinneadh leam an duan seo
- Mun truaigh' a thàinig oirnn?
- Na mìltean a chaidh fhuadach,
- A' toirt uath' an cuid 's an còir,
- A' smaointinn thar nan cuantan
- Gu Eilean uain' a' Cheò.
- Ach cuimhnichibh gur sluagh sibh,
- Is cumaibh suas ur còir;
- Tha beairteas fo na cruachan
- Fon d' fhuair sibh àrach òg;
- Tha iarann agus gual ann,
- Is luaidhe ghlas is òr,
- 'S tha mèinnean gu ur buannachd
- An Eilean uain' a' Cheò.
- Cuimhnichibh ur cruadal,
- Is cumaibh suas ur sròl;
- Gun tèid an roth mun cuairt duibh
- Le neart is cruas nan dòrn;
- Gum bi ur crodh air bhuailtean
- 'S gach tuathanach air dòigh,
- 'S na Sasannaich air fuadach
- À Eilean uain' a' Cheò.
- Canaibh leam an duan seo,
- 'S le suaimhneas seinnibh ceòl
- Mun naidheachd nuadh a fhuair sinn
- À Eilean uain' a' Cheò -
- Gu Armadal nan stuagh
- Gun tug Raghnall gruagach òg,
- Nighean còirnealair cho ainmeil
- 'S a tha 'n-diugh a' falbh an fheòir.
- Ach cuimhnich do chuid tuatha,
- Is cùm do chluas rim feum,
- 'S bi thusa mar bu dual dut
- Dhan t-sluagh a tha fod sgèith;
- 'S on thug thu 'n fhìor bhean-uasal
- À Crombaigh ruadh an rèisg,
- Biodh beannachd Dhè 's do shluaigh leat
- Nad eilean buadhmhor fèin..
- Beannachd leibh, a chàirdean,
- Anns gach ceàrn tha fo na neòil,
- Gach mac is nighean màthar
- An Eilean àrd a' Cheò;
- Is cuimhnichidh sibh Màiri
- Nuair bhios i cnàmh fon fhòid –
- 'S e na dh'fhuiling mi de thàmailt
- A thug mo bhàrdachd beò.
Eilean a' Cheò
Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhàrdachd
