Brìgh nam Facal
Tagh na facail a th' air an comharrachadh airson mìneachadh fhaighinn
Do Thighearna Òg Chola
- An diugh chuala mi sgeula
- A rinn m' inntinn a ghleusadh gu fonn
- Air an fhiùran òg chliùiteach
- Tha na oighr' air an dùthaich ud thall.
- Gur h-i naidheachd an èibhneis
- Thàinig uim' à Dùn Èideann a nall:
- Gun do cheangladh e 'm pòsadh
- Ri tè dam bheil stòras neo-ghann.
- Saoghal fada le buaidh dha
- 'S don a' chèile sin fhuair e air làimh;
- Gun robh 'n t-Àrd-Rìgh mar dhìon dha
- 'S a cur chomhairlean crìonnta na cheann.
- Tha e 'n dràst' ann an Lunnainn,
- Is ma thèid e gun fhuireach don Fhraing,
- Guma sàbhailt' a thuras
- Ann an àirde 's an urram gun taing.
- B' i mo chomhairle ghràidh dha,
- Mas e duin' e nì tàmh am measg Ghall,
- E bhith fuathach air dòighean
- Cuid de dh'uachdarain òg' tha dol ann:
- Bidh iad amaideach gòrach,
- A' sìor chluich an cuid òir 's a' cur gheall –
- 'S furast' storas a ghleidheadh
- Seach a bhuannachd an deaghaidh a chall.
- Fhir a dh'ùraich na facail s',
- Bi cuimhneach le beachd air mo rann,
- 'S air na daoine bha romhad,
- A rinn feum anns gach gnothach a bh' ann;
- Chùm iad ac' an cuid fearainn
- 'S rinn iad fhuasgladh an carraid nan lann –
- Bhiodh an sliochd ann gu buadhach
- Fhad 's bhios duilleach a' gluasad air crann.
- Nuair thig Eòghann bho thuras
- Don aite dam buin e a-nall,
- Is a bhaintighearna mar ris,
- Mar as miann leis gach caraid a th' ann,
- Cluinnear losgadh nan canan
- 'S freagradh dluth aig Mac Talla nam beann,
- 'S bratach lurach a thaighe
- Bidh a' crathadh le aighear ri crann.
Do Thighearna Òg Chola
Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.
