Òran do dh'Ameireaga
- Gu bheil mi am ònrachd sa choille ghruamaich,
- Mo smuaintean luaineach, cha tog mi fonn:
- Fhuair mi an t-àit' seo an aghaidh nàdair,
- Gun thrèig gach tàlant a bha nam cheann;
- Cha dèan mi òran a chur air dòigh ann,
- An uair nì mi tòiseachadh bidh mi trom;
- Chaill mi a' Ghàidhlig seach mar a b' à'ist dhomh
- An uair a bha mi san dùthaich thall.
- Chan fhaigh mi m' inntinn leam ann an òrdugh,
- Ged bha mi eòlach air dèanamh rann;
- Is e mheudaich bròn dhomh 's a lùghdaich sòlas
- Gun duine còmhla rium a nì rium cainnt;
- Gach là is oidhche is gach car a nì mi,
- Gum bi mi cuimhneachadh anns gach àm
- An tìr a dh'fhàg mi tha an taic an t-sàile,
- Ged tha mi 'n-drast' ann am bràighe ghleann.
- Chan iongnadh dhòmhsa ged tha mi brònach,
- Is ann tha mo chòmhnaidh air cùl nam beann,
- Am meadhan fàsaich air Abhainn Bhàrnaidh,
- Gun dad as fheàrr na buntàta lom;
- Mun dèan mi àiteach 's mun tog mi bàrr ann
- Is a' choille ghàbhaidh chur às a bonn,
- Le neart mo ghàirdein gum bi mi sàraichte,
- Is treis' air fàilinn mum fàs a' chlann.
- Is i seo an dùthaich sa bheil an cruadal
- Gun fhios don t-sluagh a tha tighinn a-nall;
- Gur h-olc a fhuaras oirnn luchd a' bhuairidh
- A rinn le an tuaraisgeul ar toirt ann!
- Ma nì iad buannachd, cha mhair i buan dhaibh;
- Cha dèan i suas iad, 's chan iongnadh leam,
- Is gach mallachd truaghain a bhios gan ruagadh
- Bhon chaidh am fuadach a chur fon ceann.
- Bidh gealladh làidir ga thoirt an tràth sin,
- Bidh cliù an àite ga chur am meud;
- Bidh iad ag ràidhtinn gu bheil bhur càirdean
- Gu sona sàidhbhir gun dad a dh'èis;
- Gach naidheachd mheallta ga toirt gur n-ionnsaigh-se
- Feuch an sanntaich sibh dol nan dèidh –
- Ma thig sibh sàbhailt', nuair chì sibh àdsan,
- Chan fheàrr na stàtachan na sibh fèin.
- An uair thèid na dròbhairean sin gur n-iarraidh,
- Is ann leis na breugan a nì iad feum,
- Gun fhacal fìrinne bhith ga innse,
- Is an cridh' a' dìteadh na their am beul;
- Ri cur am fiachaibh gu bheil san tìr seo
- Gach nì as prìseile tha fon ghrèin –
- An uair thig sibh innte, gur beag a chì sibh
- Ach coille dhìreach toirt dhibh an speur.
- An uair thig an geamhradh is àm na Dùbhlachd,
- Bidh sneachd a' dlùthadh ri cùl nan geug,
- Is gu domhainn dùmhail dol thar na glùine,
- Is ge math an triùbhsair, cha dèan i feum
- Gun stocainn dhùbailt sa mhocais chlùdaich
- Bhios air a dùnadh gu dlùth le èill:
- B' e am fasan ùr dhuinn a cosg le fionntach
- Mar chaidh a rùsgadh den bhrùid an-dè.
- An uair thig an samhradh 's am mìosa Cèitein,
- Bidh teas na grèine gam fhàgail fann;
- Gun cuir i spèirid sa h-uile creutair
- A bhios fo èislean air feadh nan toll;
- Na mathain bhèisteil, gun dèan iad èirigh
- Dhol feadh an treud, is gur mòr an call;
- Is a' chuileag ìneach gu socach puinnseanta
- Gam lot gu lìonmhor le rinn a lainn.
- Ge mòr an seanchas a bh' aca an Albainn,
- Tha a' chùis a' dearbhadh nach robh e fìor:
- Na dolair ghorma, chan fhaic mi falbh iad,
- Ged bha iad ainmeil a bhith san tìr;
- Ma nìtear bargain, chan fhaighear airgead,
- Ged 's èiginn ainmeachadh anns a' phrìs;
- Ma gheibhear cunnradh air feadh nam bùthan,
- Gam pàighear null e le flùr no ìm.
- Chan fhaigh mi innse dhuibh ann am Ghàidhlig,
- Cha dèan mo nàdar a chur air dòigh,
- Gach fios a b' àill leam thoirt do na càirdean
- San tìr a dh' fhàg mi, rinn m' àrach òg;
- Gach aon e leughas e, tuigibh reusan,
- Is na tugaibh èisteachd do luchd a' bhòst,
- Na fàidhean brèige a bhios gur teumadh,
- Gun aca spèis dhibh ach dèidh bhur n-òir.
- Ged bhithinn dìcheallach ann an sgrìobhadh,
- Gun gabhainn mìosa ris agus còrr
- Mun cuirinn crìoch air na bheil air m' inntinn
- Is mun tugainn dhuibh e le cainnt mo bheòil;
- Tha mulad dìomhair an dèidh mo lìonadh,
- On is èiginn strìochdadh an seo rim bheò,
- Aig bheag thoil-inntinn sa choille chruinn seo,
- Gun duine faighneachd an seinn mi ceòl.
- Cha b' e sin m' àbhaist an tùs mo làithean,
- Is ann bhithinn ràbhartach aig gach bòrd,
- Gu cridheil sunndach an comann cùirteil
- A' ruith ar n-ùine gun chùram oirnn;
- An uair thug mi cùl ribh bha mi gur n-ionndrainn,
- Gun shil mo shùilean gu dlùth le deòir,
- Air moch Diardaoin a' dol seach an Caolas
- Is an long fo h-aodach 's a' ghaoth on chòrs'.
Òran do dh'Ameireaga
Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhàrdachd
