Brìgh nam Facal
Tagh na facail a th' air an comharrachadh airson mìneachadh fhaighinn
An t-Amadan
- Ann an aodach an amadain,
- an dà dhath a thachair rium –
- Beurl' is Gàidhlig, dubh is dearg,
- cùirt na h-eucoir, aobhar m' fheirg,
- 's an t-uisge mìn ud o na beanntan
- 's na mill dhòrainneach om inntinn
- a' sruthadh an dà dhath ri chèile
- gus am falbh mi air bheag lèirsinn
- anns an aon dath a tha cho neònach
- 's nach tuig an Rìgh fhèin mo chòmhradh.
An t-Amadan
Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.
