Aig a' Chladh
- Chunna mi aig a' chladh an dè iad,
- le adan dubh' orr' 's grian ag èirigh,
- deàrrsadh dhìtheanan mun casan,
- is fear a' caitheamh searbh-lèine.
- Lasair an adhair, cuan a' seinn,
- dòrtadh fheur, is seasmhachd bheann,
- còmhradh bàsmhor adan dorcha,
- bàrdachd samhraidh bun-os-cionn.
- Latha farsaing fad' air fàire,
- Bìoball a' losgadh ann an làmhan
- gaoithe 's grèine, 's cuan a' tuiteam
- mar dheise fhalamh air an tràigh ud.
- 'S tha esan a nise far a bheil e,
- mo nàbaidh na laighe fon t-seillean
- B' e 'm bàs a thug bàs dha 's cha b'e 'm peileir.
- Is grian a' dòrtadh, cuan a' dòrtadh,
- adan dubh' gu dorch a' seòladh
- air cuan ròsan mar a dh'fhalbhas
- facail bhochd' air làn na ceòlraidh.
Aig a' Chladh
Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhàrdachd
