Brìgh nam Facal
Tagh na facail a th' air an comharrachadh airson mìneachadh fhaighinn
breisleach
- chaidh mi 'n-dè dhan choille challtainn
- shireadh chnòthan airson biadh
- ach 's e bh' air a h-uile geug ach
- d' aodann-sa gam thriall.
- chaidh mi 'n-dè gu tràigh a' mhaoraich
- lòn de choilleagan a bhuain
- nochd a h-uile slige neamhaid
- d'àilleachd-sa a luaidh
- chaidh mi staigh dhan aon taigh-òsta
- son do sgiùrsadh as mo cheann
- h-uile glainne thog mi thaom do
- mhaiseachd aist' na deann.
- chlaon mi tràth a raoir dhan leabaidh
- thusa ruagadh às le suain
- ach cha tug thu cead dhomh cadal
- gus an dèanainn duan
- dh'iarrainn-sa bhith saor od thòireadh
- ach gu bheil sinn roinnt o chèil'
- do chumadh bhith an àit' do shamhla
- agam bhios an fhèill.
- dh'fhàg thu mi nam bhaothair gòrach
- bòdhradh chàirdean le do chliù
- nuair a thig thu chì iad nach eil
- mearachd ann am fhiù
- chì iad sgurr a' danns le saobh-shruth
- famh is iolair' anns an ruidhl'
- stamh gu caomh ag altram sùbh-làir
- mireadh mu an sùil.
- chì iad mis' is thusa sùgradh
- bil ri bil ar n-anail aoint'
- cniadachadh mar seo gu sìor le
- chèile b' e ar maoin
breisleach
Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.
