Tha ceithir gnìomhan eachdraidh air an làrach. Tha an làrach ag innse sgeòil dhaoine a rinn imrich tron 19mh agus an 20mh linn agus a' leigeil le clann an sgeulachdan agus am mapaichean fhèin a chruthachadh. Tha an goireas ag amas air clann anns na h-àrd ìrean den bhun-sgoile agus anns a' chiad agus an dàrna bliadhna den Àrd-sgoil.
'S iad na ceithir gnìomhan:
Sgeulachdan Imrich(Leabhraichean-latha)
Leugh dusan leabhar-latha uirsgeulach de sgeòil beatha chlann bhon 19mh agus an 20mh linn. Le dealbhan eachdraidheil agus taic fuaim.

Cruthaich Leabhar-latha
Tha cothrom san earrainn seo ath-dheasachadh a dhèanamh air na tha sgrìobhte anns na Sgeulachdan Imrich, no leabhar-latha a sgrìobhadh bho thùs.

Mapaichean
Air na mapaichean, den t-saoghail agus den Rìoghachd Aonaichte, tha stòr-data de fhiosrachadh mu imrichean a Bhreatainn agus à Breatainn tron 19mh agus an 20mh Linn.

Cruthaich Map
Cruthaich mapa imrich bhod fhiosrachadh siubhail fhèin.

Fuaim agus Teacsa
Faodaidh luchd-cleachdaidh cliogadh air a' phutan, Roghainnean, airson:
• teacsa an sgrion a chluinntinn ga leughadh a-mach
• fo-thiotalan fhaighinn air a' chuid mhòr den shusbaint
• teacsa an sgrion ath-mheudachadh is atharrachadh a dhèanamh air an teacsa is air na dathan cùil.
Chan fhaighear gu na roghainnean fhad 's a tha thu san earrainn fiosrachaidh dha pàrantan is tidsearan.